'Fir Nis' ag iarraidh coinneimh le NàdarAlba

Fir Nis ann an Sùlasgeir a' sealg a' ghuga
Fo-thiotal an deilbh,

Tha luchd-strì a' cumail a-mach gu bheil an dòigh sa bheilear a' spadadh nan iseanan sùlaire borb

  • Air fhoillseachadh

Tha luchd-seilg a' Ghuga ann an Nis ag iarraidh coinneachadh le riochdairean NàdarAlba feuch dè as coireach gu bheil iad a' moladh gun cead a thoirt seachad sealg a bhith a' dol air adhart am-bliadhna.

Seo agus a' bhuidheann a th' air a bhith ag iomairt an-aghaidh na seilge air innse gun cùm iad orra a' strì gus an tèid an lagh atharrachadh gus nach urrainn dhi a dhol air adhart tuilleadh.

Fon lagh, tha cead aig 'Fir Nis' a dhol a Shùlasgeir a shealg àireamh aontaichte de ghugannan - sùlairean òga mus bi comas sgèith aca - airson biadh.

Dh'innis NàdarAlba an-dè gun robh na h-oifigearan aca a' moladh do bhòrd na buidhne cead a dhiùltadh dhan t-seilg am-bliadhna nuair a choinnicheas iad a dhèanamh co-dhùnadh Diluain.

Thuirt iad nach eil cinnt nach toireadh an t-sealg droch bhuaidh mhaireannach air àireamh nan eun ann an Sùlasgeir.

Fir Nis ann an Sùlasgeir a' spìonadh ghugannan
Fo-thiotal an deilbh,

Tha fir à Nis air a bhith a' dol a-mach a Shùlasgeir a h-uile samhradh bhon 15mh Linn

Ach tha ceist air na sealgairean carson a chaidh cead a thoirt an-uiridh 's gu bheileas a-niste a' moladh gun cead a thoirt seachad am-bliadhna.

Tha Nàdar Alba ag ràdh gu bheil iad a' cleachdadh modail ùir airson na h-eòin a chunntadh am-bliadhna.

"Gu follaiseach, dh'iarramaid còmhradh làidir a bhith againn le NàdarAlba," thuirt Murchadh MacRisnidh.

"Dh'iarramaid gun tigeadh iad suas gu Nis 's ar cuideachadh tuigse nas fheàrr fhaighinn air mar a thàinig iad gu far a bheil iad.

"Tha a' choimhearsnachd agus NàdarAlba air a bhith a' dèanamh seo airson bhliadhnaichean mòra, 's mar as trice tha deagh dhàimh eadarainn - ach tha seo a' cur chùisean fo sholas eadar-dhealaichte.

"Ach tha sinne ag iarraidh a bhith ag obair le NàdarAlba airson bhliadhnaichean ri teachd cuideachd, 's mar sin feumaidh sinn faighinn seachad air a' bhoile a tha seo 's faighinn air ais dhan t-saidheans 's na rudan a tha gu diofar an seo."

Luchd-iomairt an aghaidh sealg a' ghuga
Fo-thiotal an deilbh,

Thogadh fianais taobh a-muigh prìomh-oifis NàdarAlba ann an Inbhir Nis

Tha an luchd-iomairt a chuir athchuing, taobh a-muigh air dòigh a fhuair còrr air 104,000 ainm ag iarraidh gun deadh an t-sealg a chasg.

Tha comataidh nan athchuingean aig Holyrood a' beachdachdh air am bu chòir deasbad a bhith ann sa phàrlamaid mun iarrtas.

Tha Protect the Wild ag ràdh ged a dheadh cead a dhiùltadh am-bliadhna nach e sin deireadh an sgeòil, 's gun cùm iad orra gus an tèid an lagh atharrachadh gus sealg a' ghuga a chasg buileach.

"Ged a tha coltas ann nach tèid cead a thoirt am-bliadhna, chan e casg buileach a tha sin, 's tha an iomairt fada bho bhith seachad," thuirt stèidhiche na buidhne Rob Pownall.

"Tha thìde aig Riaghaltas na h-Alba aithneachadh nach eil àite aig sealg a' ghuga ann an Alba an là an-diugh, 's atharrachadh a thoirt air Earrann 16 de dh'Achd na Fiadh-bheatha 's na Tuaithe a dhèanamh cinnteach nach eil cead sònraichte ann do bhuidhinn fhear a bhith a' siubhal a Shùlasgeir a spadadh gnè a th' air a dìon."

Rinn Fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar, Coinneach MacLeòid, càineadh air mar a tha an iomairt an aghaidh na seilge air a bhith "puinnseanta", agus e ag ràdh ma 's ann air sgàth saidheans a dheadh cead a dhiùltadh am-bliadhna gun gabhadh daoine ri sin.

"Tha fios againn gun robh flù nan eun ann an 2022 's mar sin cha robh iad a-muigh an Sùlasgeir eadar 2022 agus 2024 air sgàth 's an sgrios a rinn an galar a bha sin," thuirt e.

"Ach carson a thug iad cead an-uiridh ma tha dragh orra mu dheidinn nan àireamhan airson 500 a mharbhadh?

"Tha mi a' faicinn gu bheil iad a' coimhead ris na h-àireamhan ann an dòigh eadar-dhealaichte, agus 's dòcha gu bheil iad a' faicinn nach eil uiread de shùlairean air an eilean air sgàth a' ghalair a bh' ann bho chionn ceithir bliadhna, 's gum feum iad co-dhùnadh nach urrainn dhan t-seilg a dhol air adhart am-bliadhna.

"Ma 's e sinn a th' ann, tha mi a' smaoineachadh gun gabhadh daoine ri sin ann an dòigh.

"Ach ma tha e stèidhte air an iomairt a th' air a bhith a' dol air-loidhne chan eil daoine a' dol a ghabhail ri sin, oir tha an iomairt air a bhith guinneach, agus chan eil càil ach tòrr puinnsein air a bhith a' dòrtadh a-mach à beòil dhaoine a th' air a bhith an aghaidh sealg a' ghuga.

"Chan eil càil ceàrr ann a bhith ag iomairt an aghaidh rudeigin a tha thu an aghaidh, ach tha rudeigin fada ceàrr nuair a tha thu ga dhèanamh ann an dòigh mhì-nàdarrach, mhì-iomchaidh agus cuideachd ann an dòigh a tha fèidhir mì-reusanta."

Thuirt NàdarAlba nach can iad an còrr gus an tèid co-dhùnadh a dhèanamh.

Coinnichidh bòrd na buidhne riaghaltais feasgair Diluain seo tighinn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo