Rona Lightfoot: "Lùb iad an lùib a chèile airson mo thoileachadh"

- Air fhoillseachadh
Tha am pìobaire Rona Lightfoot à Uibhist a Deas air cliù a chosnadh air feadh an t-saoghail ach 's ann aig an taigh a chaidh an t-urram as ùire a bhuileachadh oirre.
Thàinig i dhachaigh air a' mhìos a chaidh airson cèilidh shònraichte dhi san talla ùr aig Cnoc Soilleir, dachaigh na buidhne-ealain Ceòlas.
"Mura còrdadh siud riut cha chòrdadh sìon air an t-saoghal riut," dh'innis i dha BBC Naidheachdan.
Aig aois 90 tha i air a bhith a' cuimhneachadh air an tachartas sin agus air a beatha.

B' fheudar Rona strì a dhèanamh airson cothrom a dhol a-steach do na co-fharpaisean pìobaireachd mòra
Bha cliù mhòr aig sinnsearan nighean Eàrdsaidh Raghnaill ann an Uibhist mar sheanchaidhean, seinneadairean agus pìobairean.
"Bha nòisean garbh agam dha na seann òrain aig mo mhàthair agus aig mo sheanmhair agus bhiodh i gan ionnsachadh dhomh gu math tric."
Tha cuimhne aice a bhith a' seinn aig mòdan ionadail, agus bha i a' cluich na pìoba bho aois naoi bliadhna.
Ge-tà, tha i ag ràdh gun robh i "gu math crosta" nach robh cothrom do bhoireannaich a dhol a-steach dha na co-fharpaisean pìobaireachd mòra san Òban, Inbhir Nis agus Lunnainn.
"Cha robh boireannaich idir, idir a' pìobaireachd agus chan fhaigheadh tu cluich an àite sam bith.
"Gheibheadh tu a dh'Uibhist a Deas agus air feadh nan eilean agus chan fhaigheadh tu idir dha na co-fharpaisean mòra."

Bha Rona Lightfoot aithnichthe an toiseach mar shàr-phìobaire ach tha i air cliù a chosnadh an saoghal na Gàidhlig airson a cuid seinn cuideachd
Thòisich an duine aice, Tony nach maireann, a' strì às leth a mhnà a' cur ìmpidh air na h-ùghdarrasan pìobaireachd cead a thoirt do bhoireannaich a bhith a' farpais.
Thuirt Rona gun robh na boireannaich "a cheart cho math gu cluich na pìoba ri fireannach".
Mu dheireadh thall, chaidh Rona na ciad bhoireannach a nochd aig prìomh fharpais Comann Pìobaireachd Lunnainn, Am Bratach Gorm.
B' fheàrr leatha gun robh barrachd bhoireannach a' seinn na pìoba mòire san là a th' ann.
"Tha iad a' tighinn air aghaidh beag air bheag agus tha fios agam gun tig iad air aghaidh," thuirt i.

Tha Rona ag ràdh gu bheil e "a' toirt toileachas mòr" dhi a dhol gu Ceòlas
Tha Rona ag ràdh gu bheil e a' toirt "toileachas mòr, mòr dhomh a dhol gu Ceòlas".
Thòisich an fhèis bho chionn 30 bliadhna an Uibhist a Deas mar sgoil-shamhraidh.
Bidh còrr is 100 duine a-nis a' dol dhan fhèis airson oideachadh ann an Gàidhlig, dannsa, ceòl agus seinn sa choimhearsnachd.
Chaidh talla-ciùil Cnoc Soilleir, dachaigh na buidhne-ealain, fhosgladh le cuirm mar urram don bhan-Uibhisteach "agus an dìleab iongantach aice le bhith a' cumail cànan, ceòl agus cultar na Gàidhlig beò".
Agus abair thusa gun do chòrd a' chèilidh rithe: "Lùb iad an lùib a chèile airson mo thoileachadh agus airson mo dhèanamh toilichte!"
Cuirm mar urram do Rona Lightfoot gu bhith ann an eilean a h-àraich
- Air fhoillseachadh23 An Giblean
Ceòlas a' comharrachadh 30 bliadhna on bha a' chiad sgoil shamhraidh aca
- Air fhoillseachadh31 Am Faoilleach 2025
A dh'aindeoin gach duaise agus urraim a chaidh a bhuileachadh oirre ge-tà, 's e an teaghlach aice as motha a tha na adhbhar moite dhi.
"Bha mi uabhasach toilichte pòsta," thuirt i.
Rinn i fhèin agus Tony a bha na chaiptean air bàta-carago tòrr siubhail còmhla.
"Fhuair mi mac a bha sònraichte agus fhuair e bean a bha a cheart cho sònraichte ris fhèin," thuirt i.
Tha dìthis oghaichean aice agus dithis iar-othaichean.
"Cò a dh'iarradh na b' fheàrr na sin, do theaghlach a bhith math dhut agus laghach, agus tha mi moiteil asta."