Cuirm mar urram do Rona Lightfoot gu bhith ann an eilean a h-àraich

Rona Lightfoot
Fo-thiotal an deilbh,

Bha cliù mhòr aig sinnsearan Rona ann an Uibhist mar sheanchaidhean, seinneadairean agus pìobairean

  • Air fhoillseachadh

Choisinn a' bhan-Uibhisteach Rona Lightfoot cliù nach beag dhi fhèin mar phìobaire, seinneadair agus seanchaidh ann an saoghal na Gàidhlig.

Mar urram dhi agus airson comharrachadh gu bheil i a-nis 90 bliadhna a dh'aois tha cuirm gu bhith an Uibhist a Deas far an do rugadh 's a thogadh i.

'S ann do theaghlach a bha aithnichte airson an cuid eòlais air dualchas Uibhist - eadar òrain, sgeulachdan agus pìobaireachd - a bhuineas Rona.

Thèid a' chuirm dhi a chumail san Ògmhìos san talla ùr aig Cnoc Soilleir ann an Dalabrog, dachaigh na buidhne-ealain ionadail Ceòlas.

Tha Stiùiriche Ealanta Cheòlas, Iain Dòmhnallach, ag ràdh gu bheil i na "seinneadair traidiseanta Gàidhlig uabhasach math agus na pìobaire mìorbhaileach".

Rona Lightfoot a' seinn na pìoba
Fo-thiotal an deilbh,

Bha Rona Lightfoot aithnichthe an toiseach mar shàr-phìobaire ach tha i air cliù a chosnadh an saoghal na Gàidhlig airson a cuid seinn cuideachd

Bidh Rona aig an sgoil-shamhraidh aig Ceòlas an t-seachdain às dèidh na cuirme.

Chomharraich iad an-uiridh gun robh 30 bliadhna on chùm iad a' chiad sgoil-shamhraidh agus tha Mgr Dòmhnallach den bheachd gun robh Rona a' teagasg aig cha mhòr a h-uile tè dhiubh.

"Rinn i tòrr obrach eadar a bhith a' tighinn gu Ceòlas agus a' dol gu diofar fèisean.

"Tha e an-còmhnaidh na thoileachas dhuinn Rona a bhith againn an seo, seòrsa de phearsantachd mhòr a th' aice agus an t-eòlas a th' aice air an àite, an dualchas, na sgeulachdan 's na h-òrain," thuirt e.

Tha Mgr Dòmhnallach ag ràdh gu bheil tòrr sheinneadairean agus luchd-ciùil cliùiteach air aontachadh nochdadh air an oidhche.

Nam measg bidh Gillebrìghde MacGilleMhaoil, Sìneag Nic an t-Saoir, Màiri NicAonghais, Ruairidh MacLeòid, Mìcheal Steele, Donnchadh Siosalach agus Pàdraig Moireasdan.

Tha na ticeadan rim faighinn air an làraich-lìn aig Ceòlas, taobh a-muigh.