Naidheachdan 11:00m

Armachd niuclasach

Tha dùil ri dearbhadh bhon Phrìomhaire gun tèid còrr is £8bn a chur ri leudachadh armachd niuclasach na Rìoghachd Aonaichte. Bidh Andy Burnham ann am Barrow-in-Furness an-diugh ag innse mun ath ìre ann an leasachadh nam bàtaichean-aigeinn niuclasach le amas HMS Dreadnought a chur gu seirbheis an taobh a-staigh 10 bliladhna.

A' Phòlainn

Thuirt Prìomhaire na Pòlainn, Dòmhnall Tusk, gu bheil a h-uile coltas gur e urchair Ruiseanach a thuit ann an achadh air taobh sear na Pòlainn a-raoir. Tha Mgr Tusk a' tadhal air an àite an-diugh agus thuirt e gu bheil e ag iarraidh dearbhadh air na thachair mus can e an còrr mun chùis.

Reform UK

Chàin Reform UK Poileas a' Mhet a thuirt nach dèan iad dad mu theachdaireachd chonnspaidich a chuir Ceannard a' Phartaidh Uaine ann an Sasainn agus sa Chuimrigh, Zack Polanski, air na meadhanan-sòisealta. Thuirt na Poilis nach do rinn Mgr Polanski dad ceàrr leis an ìomhaigh a roinn. Tha na h-Uainich ag ràdh gun robh sin follaiseach bho thoiseach ach tha Reform UK ag ràdh gu bheil Mgr Polanski a' faighinn às le brosnachadh gu murt.

Tart

Tha ceannardan nan tuathanach ag iarraidh air an Riaghaltas airgead a chosg air stòras-uisge airson àiteachas agus àrach bìdh a chumail a' dol. Chaidh tart a ghairm gu h-oifigeil ann an còrr is leth de Shasainn agus ann am pàirtean de dh'Alba agus a' Chuimrigh an dèidh fad seachdainean de dh'aimsir thioraim, theth.

Seirbheisean adhair dearbhte

Tha Ceannard Comhairle na Gàidhealtachd, Raymond Bremner, ag ràdh gun dèan seirbheisean adhair ùra eadar Inbhir Ùige agus Glaschu feum mòr dhan cheann a tuath. Tha Riaghaltas na h-Alba a' cur £1.8m ri seirbheisean na companaidh Air Charter Scotland eadar Inbhir Ùige agus Obar Dheathain airson bliadhna eile agus seirbheis ùr gu ruige Ghlaschu.

Loganair

Tha diofar bhuidhnean anns na h-Eileanan Siar a' gearan còmhla mu cho-dhùnadh Loganair sguir airson ùine de chuid de sheirbhisean dha na h-Eileanan. Tha seirbheis na maidne eadar Inbhir Nis agus Steòrnabhagh nam measg. Ach tha Comhairle nan Eilean Siar, am Bòrd Slàinte, agus buidhnean eile ag ràdh gu bheil sin a' toirt fìor dhroch bhuaidh air mòran.