Dragh "mu lùghdachadh seirbheis a tha riatanach do ar coimhearsnachdan"

Tha Loganair a' sireadh taic on riaghaltas agus iad ag ràdh gu bheil seirbheisean às Inbhir Nis air a bhith a' call airgid airson ùine mhòir
- Air fhoillseachadh
Bidh buaidh mhòr air eaconamaidh nan Eilean Siar an cois co-dhùnadh Loganair gearradh air ais air an t-seirbheis eadar Steòrnabhagh is Inbhir Nis, a rèir grunn bhuidhnean san sgìre.
Dh'innis a' chompanaidh adhair air an 19mh den Iuchar gum biodh iad a' cur dheth seirbheis na maidne rè ùine agus chaidh gearradh air ais air seirbheisean a dh'Arcaibh agus Sealtainn cuideachd.
Aig an àm, thuirt Loganair gur e "an roghainn mu dheireadh a tha seo ach tha na slighean a-mach à Inbhir Nis air a bhith a' call airgid gu cunbhalach o chionn beagan bhliadhnaichean".
Tha Com-pàirteachais Dealbhachaidh Coimhearsnachd Innse Gall am measg na nochd dragh "mu lùghdachadh seirbheis a tha riatanach do mhòran nar coimhearsnachdan".
Thuirt an cathraiche, an Comhairliche Donnchadh MacAonghais: "Cha bu chòir co-dhùnaidhean mar seo a dhèanamh às aonais co-chomhairleachaidh cheart agus measadh air a' bhuaidh a bhios na chois."
Tha e fhèin agus na buidhnean eile ag iarraidh "gun tig Loganair, HIAL, Còmhdhail Alba agus Riaghaltas na h-Alba còmhla cho luath 's a ghabhas airson fuasgladh fhaighinn".
Gearraidhean ann an seirbheisean Loganair dha na h-Eileanan
- Air fhoillseachadh3 An t-Ògmhios
'Farpais' an fhreagairt do sheirbheisean adhair eileanach
- Air fhoillseachadh21 An t-Iuchar
"Ro-innleachd shoilleir a dhìth sa bhad" 'son seirbheisean adhair eileanach
- Air fhoillseachadh20 An t-Iuchar
Thuirt Joanna Peteranna, Stiùiriche Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean sna h-Eileanan an Iar "nach robh teagamh ann nach biodh droch bhuaidh aig na gearraidhean air eaconamaidh agus seasmhachd coimhearsnachd".
Tha neach-labhairt Turasachd Innse Gall ag ràdh gum "faodadh gun cuir an co-dhùnadh seo a rinneadh gun cho-chomhairleachadh cuid de ghnothachasan ionadail agus beò-shlaint dhaoine ann an cunnart."
Thuirt Sandy Mac an t-Sagairt, Stiùiriche Obair Mara SSEN: "Tha e air leth cudromach gum bi ceanglaichean còmhdhail math ann airson luchd-obrach a thàladh agus an obair againn a' leantainn air bun-structar dealain dha na h-eileanan."
Tha Ceannard Comhairle nan Eilean Siar Paul Steele ag ràdh gu bheil dùil ri "in-ionmhas £7bn ann an Leòdhas thairis air an ath 10 bliadhna".
Thuirt Mgr Steele: "Cha thuig mi carson nach eil companaidh choimeirsealta a' faicinn nan cothroman a dh'fhaodadh a bhith an cois na seirbheis seo.
"Bidh buaidh mhòr aig a' cho-dhunadh air na ceanglaichean le tìr-mòr agus obair na Comhairle airson daoine a bhrosnachadh a thighinn a dh'obair agus a dh'fhuireach sna h-Eileanan an Iar."
Tha Comhairle nan Eilean Siar air freagairt a thoirt do Riaghaltas na h-Alba agus ministearan a' sireadh fianais mun chùis.
Tha Loganair ag ràdh gu bheil iad an dòchas na slighean a thilleadh chun na h-àbhaist san Dàmhair ach gu bheil ro-innleachd ùr a dhìth sa bhad bho gach cuid Riaghaltas na h-Alba agus na Rìoghachd Aonaichte airson a' bhèarn maoineachaidh a lìonadh.