'Farpais' an fhreagairt do sheirbheisean adhair eileanach

- Air fhoillseachadh
Bu chòir cothrom a thoirt do chompanaidhean eile seach Loganair air seirbheisean adhair nan Eilean a ruith, a rèir Chathraiche na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar.
Bha Ùisdean Robasdan a' bruidhinn an dèidh mar a thòisich Loganair clàr-ama ùr le dìreach aon sheirbheis san là eadar Steòrnabhagh is Inbhir Nis, agus seirbheisean eadar Arcaibh, Sealtainn is tìr-mòr air an deireadh-sheachdain a-mhàin.
Dh'iarr Loganair agus an clàr-ama a' tighinn a-steach an-dè, gun cruthaich Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas Bhreatainn "ro-innleachd shoilleir" a thaobh seirbheisean adhair eileanach dhan dùthaich le cabhag.
Thuirt a' chompanaidh gu bheil iad an dùil na seirbheisean a thilleadh gu mar a bha iad san Dàmhair, ach tha Mgr Robasdan teagmhach gun tachair sin.

"Tha mi a' smaoineachdainn gu bheil Loganair, ann an dòigh, a' coimhead às an dèidh fhèin," thuirt e.
"Tha mi a' smaoineachdainn gu bheil an Riaghaltas an Alba air a dhèanamh gu math cinnteach, mar a tha mi a' tuigsinn, nach eil iadsan toilichte, dè, £1.3m a thoirt seachad airson na seirbheis."
Thuirt Mgr Robasdan gu bheil a' chomhairle air a bhith ag argamaid airson bhlidhnaichean gu bheil còir coimhead ri seirbheisean còmhdhail na Gàidhealtachd 's nan Eilean san fharsainneachd, feuch dè a' bhuaidh a tha iad a' toirt air pàirtean eile den eaconomaidh.
Bidh mòran euslainteach a' cleachdadh nan seirbheisean adhair airson faighinn gu ospadalan air tìr-mòr airson cùraim slàinte nach eil ga thoirt seachad sna h-Eileanan fhèin.
Le seirbheis air a gearradh, tha sin a' cur cosgais air NHS nan Eilean Siar.
"Tha fhios againn mar thà gu bheil am Bòrd Slàinte sna h-Eileanan an Iar air a ràdh gu bheil seo a' dol a chosg còrr is £1m dhaibh," thuirt e.
"Tha e a' faileachdainn oirnn chun na h-ìre seo gun tig sin gu co-dhùnaidhean dòigheil air na seirbheisean agus cho riatanach 's a tha iad sna h-Eileanan.
"Tha an Riaghaltas fhèin ag ràdh gu bheil seo an urra ri HIAL agus Loganair coimhead air, ach tha mi a' smaoineachdainn gu bheil an t-àm aig Còmhdhail Alba fhèin coimhead air seo agus coimhead air dè ghabhas dèanamh a' dol air adhart."
"Dragh mòr" air Bòrd Slàinte nan Eilean Siar mu ghearraidhean Loganair
- Air fhoillseachadh4 An t-Ògmhios
Loganair a' coimhead air itealain hàidhbriod-dealain
- Air fhoillseachadh4 An t-Sultain 2024
'S e a bhith a' tilleadh seirbheis adhair na maidne eadar Steòrnabhagh is Inbhir Nis am prìomhachas aig an ìre seo dhan chomhairle, thuirt e.
"Tha sinn (CnES) a' coimhead air dòighean a ghabhas an t-seirbheis toirt air ais gu h-àraid anns a' mhadainn eadar Steòrnabhagh agus Inbhir Nis," thuirt Mgr Robasdan.
"Tha e ro thràth fhathast a ràdh dè thachras ann an sin.
"Tha Loganair a' smaoineachdainn gu bheil an t-àite dhaibh fhèin 's gum faod iad an rud a thogras iad a dhèanamh, chanainn.
"Tha mi a' smaoineachdainn gum feum sinn coimhead air a bheil cuideigin eile a bheir seachad an t-seirbheis seo an àite Loganair."