Dàrna coinneamh èiginneach aig Stòras Uibhist air fàire

- Air fhoillseachadh
Dhearbh bòrd eadar-amail Sealladh na Beinne Mòire, companaidh pàraint Stòras Uibhist, gum bi EGM aca cho math ri coinneamh bhliadhnail ro dheireadh na Dàmhair.
'S i an dàrna coinneamh èiginneach a bhios aig an uachdaran phoblach am bliadhna; bha tè aig deireadh a' Ghiblin airson an cur air slighe ùr sheasmhach an dèidh eas-aonta agus buaireadh a chuir bacadh air an cuid obrach.
Tha na stiùirichean eadar-amail air gabhail ri iarrtas airson aon stiùiriche a chur às a dhreuchd.
Dhiùlt Dòmhnall Iain Camshron falbh aig deireadh a' Ghiblin aig a' chiad EGM a chumadh airson leigeil le seann bhòrd Sealladh na Beinne Mòire seasamh sios le stiùirichean eadar-amail a' dol nan àite.
Thuirt Mgr Camshron aig an àm gur e na buill a thagh e ach tha gu leòr dhiubh a-nis air an ainm a chur ri athchuinge ag iarraidh EGM airson a chur às a dhreuchd.
Cathraiche ùr misneachail gun urrainn dha Stòras Uibhist gluasad air adhart
- Air fhoillseachadh1 An Cèitean
Taic làidir 'son slighe ùr do Stòras Uibhist
- Air fhoillseachadh30 An Giblean
Stiùirichean ùra aig Stòras Uibhist
- Air fhoillseachadh20 An Giblean
Chan eil ceann-là dearbhte airson an EGM ach bidh i ann ron AGM agus dhearbh bòrd Sealladh na Beinne Mòire gun tachair sin ro dheireadh na Dàmhair.
'S e AGM 2025 a bhios ann leis gun do dh'fhàg am buaireadh eadar diofar bhuidhnean de stiùirichean, agus eadar cuid dhiubh agus an luchd-obrach, nach robh iad ann an suidheachadh tè a chumail an-uiridh.
Ron choinneimh sin thèid molaidhean iarraidh bhon bhallrachd air daoine a sheasas ann an taghadh de stiùirichean agus seachdnar a dhith air Bòrd Sealladh na Beinne Mòire.
Ma shoirbhicheas leis an iomairt sin seasaidh am bòrd a th' ann an-dràsta sìos, agus gabhaidh na daoine ùra an àite agus an t-uallach airson ro-innleachd ùr dhan uachdaran phoblach.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh16 An t-Ògmhios
