Naidheachdan 11:00m
Cogadh san Ucràin
Thuirt an Ceann-suidhe Zelensky gun tug feachdan Ucràinianach ionnsaigh mhòr air dhà de na fìneadairean-ola as motha san Ruis ann am baile Ryazan air taobh siar na dùthcha. Agus thuirt e cuideachd gun do bhuail urchairean Ucràinianach ann am factaraidh armachd san Ruis.
Ionnsaighean air Iorac
Thug Saudi Aràibia agus na Stàitean Aonaichte ionnsaigh air buidhnean mailisidh ann an Irac aig a bheil taic bho Iran. Thuirt feachd nan Iràinianach, Revolutionary Guard, gun tug iadsan ionnsaigh air gearasan Aimeireaganach ann an Iòrdan.
Zack Polanski
Tha ceannard a' Phartaidh Uaine ann an Sasainn agus anns a' Chuimrigh, Zack Polanski, a' diùltadh leisgeul iarraidh air ceannard Reform UK, Nigel Farage, airson dealbh air-loidhne de dhuine ann an leine-T air a bheil ìomhaigh de guillotine agus na briathran "we're only making plans for Nigel". Tha Reform UK ag ràdh gum faodadh cuid coimhead air sin mar bhrosnachadh gu murt ach thuirt Mgr Polanski gur e mearachd a rinn e gun fhiosta dha.
Turning Point
Tha Turning Point, an aon aonad èiginn airson trioblaid dhrugaichean an Alba, ag ràdh gu bheil an t-seirbheis ann an Glaschu an cunnart dùnadh le àrdachadh màil. Tha an t-uachdaran, a tha fo stiùir Comhairle Baile Ghlaschu, ag ràdh gu bheil iad a' bruidhinn ris a' charthannas.
Ceannas a' Phàrtaidh Làbaraich an Alba
Dh'innis Joe Fagan, a tha a' riochdachadh cheann a deas na h-Alba aig Holyrood, gu bheil e a' seasamh airson ceannas a' Phartaidh Làbaraich an Alba. 'S e Mgr Fagan an treas tagraiche còmhla ri Monica Lennon agus Mìcheal Marra.
Sgrùdadh mu bhàs dithis
Tha poilis an amharas gur e murt a thachair do bhoireannach a fhuaireas marbh ri taobh corp fhireannaich ann an Houston ann an Siorrachd Rinn Friù Diluain. Bha Stacy Mair 35 bliadhna de dh'aois. Cha deach dearbhadh fhathast dè a thug bàs dhan fhireannach, a bha 43, ach tha poilis den bheachd nach robh gnothach aig duine eile ris na thachair.
Fear fo chasaid
Tha fear, 25 bliadhna de dh'aois, fo chasaid an dèidh ionnsaigh san deach nighean, 15 bliadhna de dh'aois, èigneachadh san Òban oidhche Shathairne. Thuirt poilis gu bheil aithisg a' dol gu Neach-casaid a' Chrùin.