EGM Stòras Uibhist: dè tha a' tachairt a-nochd?

Talla a' Chinn a Deas
  • Air fhoillseachadh

Bidh coinneamh èiginn aig Stòras Uibhist a-nochd feuch slighe a lorg a-mach às an staing anns a bheil an t-uachdaran coimhearsnachd.

Tha BBC Naidheachdan a' coimhead air na prìomh phuingean air thoiseach air a' choinneimh ann an Talla a' Chinn a Deas.

Carson a tha EGM ann?

Tha buaireadh air a bhith a' cuairteachadh Stòras Uibhist fad mhìosan is chaidh bacadh cha mhòr air fad a chur air obair na buidhne.

Aig teas-meadhan a' ghnothaich tha eas-aonta eadar dà champa taobh a-staigh na buidhne.

Thàinig dòchas air rathad air adhart sa Ghearran le brath a thàinig an dà chuid ann an ainm Sealladh na Beinne Mòire - a' chompanaidh phàrant - agus Cumhachd Ath-nuadhachail Uibhist a Deas (SURE), tè de na fo-chompanaidhean.

Thuirt am brath sin gum fàgadh a h-uile stiùiriche air gach companaidh taobh a-staigh Sealladh na Beinne Mòire na dreuchdan aca air thoiseach air EGM a bhiodh ann gus bòrd eadar-amail a thaghadh.

Dè dìreach a tha air beulaibh an EGM?

'S e an fheallsanachd a tha aig cridhe an EGM gum feum Stòras Uibhist tòiseachadh às ùr le làmhan ùra aig an stiùir.

A thuilleadh air na stiùirichean uile a bhith a' seasamh sìos, thathar a' cur air adhart gun tèid sianar stiùirichean ùra air bòrd ùr eadar-amail a bhiodh ann eadar seo is AGM.

'S iad sin an triùir chomhairlichean ionadail is cuideachd Malcolm Burr - a bha na àrd-oifigear air CnES - còmhla ri Ailean Dòmhnallach is Rona NicAoidh.

Air a' cheann thall, chaidh Pòl Steele, Susan NicThòmais, Iain MacLeòid is Malcolm Burr a chur air bùird Sealladh na Beinne Mòire is Oighreachdan Uibhist a Deas (tè eile de na fo-chompanaidhean) an t-seachdain seo chaidh.

Bha seo gus luchd-àrachais tuath-gaoithe an uachdarain choimhearsnachd a shàsasadh is na crainn fhaighinn gu dol às ùr.

Fo rùintean aig an EGM, tha feum air 50% den bhòt gus Pòl Steele, Susan NicThòmais, Iain MacLeòid, Ailean Dòmhnallach is Rona NicAoidh a thaghadh.

Leis nach eil Mgr Burr na bhall de Stòras Uibhist, feumar 75% de na bhòtaichean agus cead Mhinistearan na h-Alba 'son a thaghadh mar chathraiche.

A bharrachd air seo uile ge-tà, tha rùn ann mun obair a bhiodh aig a' bhòrd eadar-amail gus a' bhuidheann a sheòladh às an stoirm a th' ann gu port sàbhailte.

Bhiodh dleastanas orra Stòras a ruith gus am biodh AGM ann is cuideachd gus structar na companaidh san fharsaingeachd ùrachadh is a dhèanamh nas proifeiseanta.

Structar Sealladh na Beinne Mòire

Dè an t-slighe air adhart ma thèid gabhail ris?

A thuilleadh air obair làitheil an uachdairean choimhearsnachd a chur air bun-stèidh nas cinntiche a-rithist san ùine-ghoirid mus biodh AGM ann, dh'fheumadh am bòrd eadar-amail cunntasan a chur air dòigh.

Bhiodh uallach air a' bhòrd ge-tà, chan e a-mhàin slighe a-mach às an staing a th' ann a lorg, ach slighe a dhealbh gus a' chompanaidh air fad ùrachadh is structaran a chur ann an àite le dòchas nach biodh staing eile ann san àm ri teachd.

Bha dùil bho thùs gum faodadh AGM a bhith ann as t-samhradh is gum biodh cothrom aig buill an uairsin stiùirichean maireannach a thaghadh.

Chan eil ceann-là ann aig an ìre seo airson AGM ge-tà, is an rùn ag ràdh gum biodh e ann cho luath 's a ghabhas.

Bhiodh dleastanas air a' bhòrd eadar-amail airson sin a chur air dòigh cuideachd.

A bheil cunnart idir ann nach tig Stòras Uibhist a-mach às an staing seo?

Tha an fheadhainn a chuir gluasad an EGM air adhart ag ràdh gun cuireadh e Stòras Uibhist air bun-stèidh làidir is ann an suidheachadh làn-bhuannachd fhaighinn dha na buill agus dhan choimhearsnachd san fharsaingeachd.

Cleas nam mìosan mu dheireadh ge-tà, tha na h-uimhir de mhì-chinnt ann air thoiseach air a' choinneimh.

Ged a bha dùil gum biodh gach stiùiriche a th' ann a' seasamh sìos, chan eil e buileach follaiseach a bheil iad uile a-nise deònach sin a dhèanamh, a' ciallachadh gum feumadh bòrd ùr ceumanan eile a ghabhail airson an cur às an dreuchd.

A bharrachd air sin, tha eas-aonta am measg stiùirichean ann an diofar champaichean am bu chòir bòrd eadar-amail gnothach a ghabhail ri structar na companaidh ùrachadh air thoiseach air AGM fhèin, is cuid den bheachd gur e dleasdanas stiùirichean ùra a bhiodh air an taghadh aig an AGM sin a bhiodh ann atharrachaidhean a dhèanamh.

Tha rùn an EGM a' dèanamh follaiseach ge-tà, gur e obair a' bhùird eadar-amail a bhiodh ann.

Tha ceistean gu leòr ann cuideachd mu dè thachradh mura faigheadh na rùintean taic na ballrachd aig an EGM.

Ged a chaidh ceathrar de na stiùirichean ùra a chur air bòrd Sealladh na Beinne Mòire mar-thà an t-seachdain seo chaidh, tha BBC Naidheachdan a' tuigsinn nach biodh cuid dhiubh co-dhiù cofhurtail fuireach air a' bhòrd às aonais taic nam ball.

A thuilleadh air sin uile, 's e cnag na cùise nach eil plana eile ann aig an ìre seo gus Stòras a stiùireadh gu seasmhachd.

Bhiodh e fìor ri ràdh mar sin gu bheil cunnart ann mu sheasmhachd na buidhne.

Dè thachradh nan rachadh Stòras Uibhist fodha?

Ma 's e is gun ruigeadh cùisean an ìre sin, tha riaghailtean Sealladh na Beinne Mòire ag innse gun rachadh fiachan sam bith a phàigheadh an toiseach.

Bhiodh na bha air fhàgail - a' toirt a-steach fearann - an uairsin a' dol gu ministearan Riaghaltas na h-Alba is dleastanas orrasan buidhnean coimhearsnachd a thaghadh airson a ghabhail os làimhe.

Tha a h-uile coltas ann gur e pròiseas fada, doirbh is mì-chinnteach a bhiodh an sin, a thuilleadh air a bhith na bhristeadh-dùil mòr do mhòran a bha cho misneachail is dòchasach mun fhearann a bhith leis na daoine.

Thuirt Fearann Coimhearsnachd na h-Alba, buidheann riochdachaidh nan uachdaran coimhearsnachd, gu bheil iadsan a' cumail taic ri Stòras Uibhist.

Thuirt iad gur e "cothrom cudromach a tha san EGM gus leigeil le ballrachd Stòras Uibhist bruidhinn a-mach is dòighean air adhart a lorg a-mach à suidheachadh doirbh".

Tòisichidh an EGM ann an Talla a' Chinn a Deas ann an Dalabrog aig 7f.

Tuilleadh air an sgeulachd seo