Cathraiche ùr misneachail gun urrainn dha Stòras Uibhist gluasad air adhart

Pòl Steele
  • Air fhoillseachadh

Tha cathraiche ùr Stòras Uibhist ag ràdh gu bheil e misneachail gu bheil an t-uachdaran coimhearsnachd a-nise air slighe a leigeas leotha soirbheachadh.

Thuirt Pòl Steele gu bheil "mandat làidir" aig a' bhòrd ùr eadar-amail às dèidh dhaibh taic fhaighinn bhon bhallrachd aig EGM na buidhne oidhche Dhiardaoin.

Aig coinneimh den bhòrd ùr Dihaoine, chaidh Mgr Steele a dhearbhadh mar chathraiche air na companaidhean uile a tha an cois Sealladh na Beinne Mòire.

Tha e am measg sianair stiùirichean ùra a fhuair taic shusbainteach aig an EGM ann an Dalabrog.

Bha an talla cho làn air an oidhche is gun deach dàil 40 mionaid air a' choinneimh.

Fhuair na rùintean airson Iain MacLeòid, Pòl Steele, Susan NicThòmais, Rona NicAoidh is Ailean Dòmhnallach a thaghadh - agus rùn eile a chuireadh uallach air a' bhòrd ùr Stòras a ruith gu h-eadar-amail agus structar na buidhne a dhèanamh nas proifeiseanta - còrr is 80% den bhòt.

Fhuair rùn eile gus leigeil le Malcolm Burr a bhith air a thaghadh mar chathraiche no iar-chathraiche 78% den bhòt.

Tha na stiùirichean ùra uile a' dol air gach companaidh taobh a-staigh Stòras.

Chaidh Mgr Burr a chur Dihaoine mar iar-chathraiche air na companaidhean uile ach a-mhàin Cumhachd Ath-Nuadhachail Uibhist a Deas (SURE) is Rhona NicAoidh san dreuchd sin.

Fon rùn a bh' ann, feumaidh ministearan Riaghaltas na h-Alba fhathast cead a thoirt 'son suidheachadh Mhgr Burr a dhearbhadh.

Daoine a' feitheamh taobh a-muigh Talla a' Chinn a Deas
Fo-thiotal an deilbh,

Bha sluagh cho mòr aig a' choinneimh is gun deach dàil 40 mionaid air

Tha Pòl Steele ag ràdh gun robh e soiller bhon choinneimh gun robh ballrachd Stòras airson atharrachadh bunaiteach fhaicinn.

"Tha mandat làidir aig a' bhòrd ùr is tha mi a' smaointinn gun robh e cho cudromach gun d' fhuair a' choimhearsnachd cothrom tighinn a-mach is na diofar bheachdan a th' ann a chluinntinn," thuirt e.

"Thuirt mi ron seo gun robh a h-uile duine ag iarraidh an rud as fheàrr airson na companaidh, 's e gun robh diofar bheachdan aca air dè dìreach a bha sin is gu mì-fhortanach cha b'urrainn dhaibh obrachadh còmhla.

"'S e an fhaireachdainn a bha sinne a' faighinn bhon choimhearsnachd nach robh earbsa aca anns na stiùrichean is tha mi a' smaointinn gun robh sin follaiseach ann an toradh nam bhòtaichean".

Tha na trioblaidean aig Stòras Uibhist anns na mìosan mu dheireadh air a bhith dùbhlanach dha mòran sa choimhearsnachd.

Nam measg tha luchd-obrach fhèin na companaidh is iadsan air an glacadh sa bhuaireadh.

Malcolm Burr

Thog Malcolm Burr air cho cudromach 's a bhios e a-nise gum bi càirdeas làidir ann eadar am bòrd ùr eadar-amail is luchd-obrach Stòras.

"Tha sinn airson obrachadh gu dlùth leis an luchd-obrach is leis a' choimhearsnachd san fharsaingeachd," thuirt Mgr Burr.

"Tha seo bunataich. Tha buidheann sam bith ag obair nas fheàrr nuair nuair a tha luchd-obrach is am bòrd a' sealltainn urram dha na diofar dhleasdanasan a th' orra, ach ag obair còmhla a dh'ionnsaigh nan dearbh amasan.

"'S e obair a' bhùird ro-innleachd a dhealbh agus obair an luchd-obrach an ro-innleachd sin a chur an sàs gu proifiseanta.

"Ma bha beàrn ann eadar am bòrd is an luchd-obrach, tha a' bhallrachd air leigeil fhaicinn gu bheil iad 'son is gun atharraich sin is feumaidh gach duine èisteachd ris an teachdaireachd sin."

Bha dùil ron EGM gun robh na stiùirichean uile a bha ann roimhe air aontachadh seasamh sìos mar phàirt den phlana gus slighe ùr a lorg do Stòras.

Thàinig e am bàrr aig a' choinneimh èiginn ge-tà, nach do rinn fear dhiubh sin is Dòmhnall Iain Camshron ag innse gu bheil esan an dùil fuireach gus am bi AGM ann.

A' bruidhinn oidhche Dhiardaoin, thuirt Pòl Steele gum bi còmhraidhean ann feuch dè an seasamh a th' aig Mgr Camshron agus ciamar as urrainn dhaibh uile obrachadh còmhla.

"Tha sianair stiùirichean ùra ann is bidh sinn a' gluasad na companaidh air adhart," thuirt Mgr Steele.

"Ma tha Mgr Camshron airson fuireach tha sin an urra ris fhèin.

"Tha cothrom cuideachd aig a' bhallrachd an-còmhnaidh am beachdan acasan air an t-suidheachadh a thoirt am follais."

Feadhainn san talla aig a' choinneimh

Fon phlana th' ann, feumaidh am bòrd eadar-email Stòras a ruith gu h-eadar-amail is cùisean na companaidh a chur air dòigh, a thuilleadh air na structaran ùrachadh.

Tha dleasdanas orra an uairsin AGM a ghairm airson leigeil leis a' choimhearsnachd stiùirichean ùra a thaghadh.

Chan eil e follaiseach fhathast cuine bhios AGM ann, ged a tha bruidhinn air a bhith ann mun t-samhradh.

Dh'innis Malcolm Burr gum feum am bòrd ùr gluasad gu luath is gu leòr romhpa.

Gheall e conaltradh gu cunbhalach leis a' choimhearsnachd air na tha a' tachairt.

Bha an cathraiche is iar-chathraiche ùr ri chèile soilleir nach eil am bòrd ùr airson a bhith ann an dreuchd ro fhada.

"Tha sinn airson rudan a chur air stèidh nas cinntiche agus airson nach bi sinn air ais san t-suidheachadh seo a-rithist," thuirt Pòl Steele.

"Tha cothrom ann gnothaichean a ghluasad air adhart is tha mi misneachail gun urainn dhuinn adhartas a dhèanamh airson leigeil leis an oighreachd soirbheachadh.

"Aig deireadh an là 's e sin a tha a h-uile duine ag iarraidh."