'Brawny beauties' agus Lorg na Còigich

Carragh-chuimhne air an t-strì a rinn muinntir na Còigich an aghaidh oidhirp an cur às an dachaighean
Fo-thiotal an deilbh,

Tha na trì tursachan nas lugha timcheall air an fhear mhòr sa mheadhan a' samhlachadh na triùir bhoireannach a bu mhotha a rinn strì

LeTeàrlach QuinnellBBC NaidheachdanagusGilleasbuig MacDhòmhnaillBBC Naidheachdan
  • Air fhoillseachadh

Tha muinntir na Còigich air carragh-chuimhne fhoillseachadh air mar a chuir an sinnsirean ruaig air na fuadaichean.

'S i tè den ghlè bheag de choimhearsnachdan a sheas aig an uachdaran gu soirbheachail anns an 19mh Linn, a' fàgail nach deach fuadachadh air adhart san sgìre idir.

Coltach ri eisimpleirean eile far an do chuir Gàidheil an aghaidh na bha a' tachairt, b' iad mnathan na Còigich a bha ri uchd a' bhlàir.

Tha a' charragh-chuimhne ùr a' sònrachadh triùir de na boireannaich seo a bha aig teis-mheadhan na strì: Anna Bhàn NicCoinnich, Màiri NicLeòid agus Ceitidh NicLeòid.

"Tha ceangal teaghlaich agam ris an sgeulachd seo, agus dè bha a' tachairt," thuirt an ceòladair Rachel Newton.

"Anna Bhàn, tè de na nigheanan anns an sgeulachd, b' ise mo shinn-shinn-sheanmhair, agus tha sinn gu math pròiseil mu dheidhinn sin anns an teaghlach againn."

Dh'fhàg na rinn boireannaich na sgìre ann an 1852 agus 1853 gu bheil an sliochd fhathast a' gabhail còmhnaidh ann.

Rachel Newton
Fo-thiotal an deilbh,

Bha sinn-sinn-seanmhair Rachel Newton air tè de na boireannaich a rinn strì

B' ann le Clann MhicCoinnich a bha a' Chòigeach, agus ann am meadhan na 19mh Linne bha fiachan air an uachdaran John Hay-MacCoinnich - duine a bha bàidheil, a rèir choltais, ri muinntir na sgìre.

B' e pòsadh na h-ìghne aige ri oighre Dhiùc Chataibh a shàbhail e, agus an t-airgead mòr a thàinig an cois a' phòsaidh air a chunntasan a chur air ais air stèidh cheart.

Air pàipear ge-tà, chan fhada tuilleadh a sheasadh cùisean mar a bha iad, agus b' e fuasgladh fasanta an ama dha uachdarain na Gàidhealtachd crathadh a thoirt air cleachdadh an fhearainn: an sluagh fhuadachadh, agus caoraich a chur nan àite.

Bha teaghlach fear-pòsta na h-ìghne aige ro aithnichte mar thà airson an dearbh rud a dhèanamh ann an srathan mòra Chataibh.

Bha sluagh mòr air an fhearann, le gach teaghlach ag obrachadh glè bheag de thalamh-àitich, agus còraichean ionaltraidh aca air a' chùl-chinn.

Ged a b' ann le aon duine a bha tac, bha na h-uimhir de theaghlaichean le gabhaltasan air earrainnean dheth - fo-mhàladairean - 's bha sin na dhuilgheadas a thaobh atharrachadh a thoirt air cleachdadh an fhearainn a chùm airgead a dhèanamh dhan uachdaran.

Chaidh aig bàilidh na h-oighreachd, Anndra Scott, air toirt air a' mhòr-chuid de na fo-mhàladairean a bh' air taca mòr na h-Aichillidh Buidhe na fo-ghabhaltasan aca a ghèilleadh. Ach bha 18 teaghlaichean a dhiùlt falbh.

Pàirt de charragh-chuimhne strì an fhearainn sa Chòigich
Fo-thiotal an deilbh,

Tha balla cloiche le ìomhaighean de na h-eathraichean anns an do sheòl na h-oifigearan mar phàirt den chuimhneachan

Eadar am Màrt 1852 agus am Màrt 1853, dh'fheuch am bàilidh còig tursan ri pàipearan a thoirt air na fo-mhàladairean.

Nuair a thigeadh an t-eathar aige air tìr, bhiodh boireannaich na sgìre a' feitheamh riutha, leis na fir nan seasamh aig astar air an cùlaibh.

Chan e gur e gealtairean a bh' anns na fir - 's ann a bha cosnadh nam fear ro chudromach do an teaghlaichean 'son an cur ann an cunnart.

Aig àn àm cuideachd, b' e dol a-mach nach robhas idir a' sùileachadh bho bhoireannaich, 's bha a' bhuil aige sin a thaobh beachd a' phobaill air na bha a' dol air adhart air Ghàidhealtachd.

A' Chòigeach
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an t-strì a rinn muinntir na Còigich bho chionn faisg air 200 bliadhna a' fàgail gu bheil coimhearsnachd fhathast ann

Airson na rinn iad, ghabh Courier Inbhir Nis "a band of amazons" agus "brawny beauties" orra.

Airson grèim fhaighinn air na pàipearan, ghreimich na boireannaich an toiseach air na h-oifigearan, 's thug iad dhiubh an cuid aodaich - gu dearbha aig aon àm chaidh oifigear an t-Siorraim a thilleadh a dh'Ullapul an ìre mhath rùisgte! - ann an oidhirp lorg fhaighinn air na pàipearan. Chuir iad fiù 's fear de na h-oifigearan dhan mhuir.

Nuair a fhuair iad na pàipearan, loisg iad iad - a' fàgail nach deach an cur air na daoine idir.

Air a' cheann thall ghèill am bàillidh 's an t-uachdaran, 's cha deach aca air an t-airgead a bha iad a' sùileachadh a dhèanamh à fearann na Còigich.

Pìobairean air beulaibh na carragh-cuimhne do strì an fhearainn sa Chòigich

Thuirt Rachel Newton: "Tha e uabhasach cudromach eachdraidh nam ban a chomharrachadh oir chan eil sin a' tachairt ro thric."

B' iad an luchd-ealain Will MacIllEathain agus Marion Leven a dhealbh an cuimhneachan, air an tug iad Lorg na Còigich.

Tha aon thursa àrd a' riochdachadh coimhearsnachd, le trì tursachan nas lugha timcheall air a tha a' samhlachadh na triùir bhoireannach.

Timcheall orra sin tha balla cloiche le ìomhaighean de na h-eathraichean anns an do sheòl na h-oifigearan.

"Seasaidh a' charragh-cuimhne sin airson ùine mhòr, mhòr," thuirt am Morair Mhinginis, Ruairidh Iain MacLeoid, seann chathraiche Cuirt an Fhearainn a bha aig an fhosgladh.

"'S iomadh ginealach a thig agus a dh'fhalbh agus sin na seasamh, na adhbhar cuimhneachaidh air fear de na rudan a choisinn chòirichean do chroitearachd na Gàidhealtachd."

Mura h-eil sgeulachd strì na Còigich cho ainmeil ri leithid Bhlàr a' Chumhaing, tha àite aice ann an eachdraidh strì an fhearainn am measg a' bheagan bhuaidhean a thug an sluagh a-mach.

'S i a dh'fhàg gu bheil muinntir bhailtean croitearachd na Còigich fhathast ann, agus gu bheil fhios againn uile mar Ghàidheil a dh'èisteas ri òrain, mu leithid an turas a bha siud a bha an dìle san Alltan Dubh, am measg eile.