Dithis bhoireannach air bàsachadh ann an loch an Earra-Ghàidheal

Loch FìneTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha dithis bhoireannach, aois 24 agus 26, air bàsachadh às dèidh dhaibh a bhith a' daoibhigeadh ann an loch ann an Earra-Ghàidheal.

Thuirt Poilis Alba gun deach oifigearan a ghairm mu 3.30f Latha na Sàbaid agus draghan ann mu dhithis a bha a' daoibhigeadh ann an Loch Fìne.

A rèir an fheachd, bhàsaich am boireannach a bha 26 aig an làraich anns a' Chàirn Dhuibh.

Chaidh corp a' bhoireannaich eile fhaighinn anns an uisge às dèidh iomairt airson lorg fhaighinn oirre.

Bha heileacoptar nam maor-cladaich agus sgiobaidhean teasargainn às a' Chrìonain, Dùn Omhainn, Kanes agus Inbhir Aora an lùib na h-iomairt.

Chaidh bàtaichean-teasargainn a ghairm à Taigh na Bruaich, Ceann Loch Chille Chiarain agus an Leargaidh Ghallda.

Tha 40 mìle a dh'fhaid ann an Loch Fìne agus 's e an loch-mara as fhaide ann an Alba. Bidh e a' tàladh tòrr dhaoibhearan.

Thuirt labhraiche do Phoileas Alba: "Tha na bàsan gan làimhseachadh mar fheadhainn gun mhìneachadh agus thèid sgrùdadh iar-bhàis a dhèanamh."