Rinn teine fiadhaich sa Mhonadh Ruadh milleadh 'apocailipteach'

Rinn an teine milleadh air mu 10 mìle cheàrnagach de mhonadh agus coilltean
- Air fhoillseachadh
Tha teine fiadhaich a bha a' gabhail am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh airson faisg air cola-deug air milleadh "apocailipteach" a dhèanamh, a rèir cheannardan na pàirce.
Rinn an teine sgrios air timcheall air 10 mìle cheàrnagach de mhòintich agus coilltean faisg air an Aghaidh Mhòir bho Dhiciadain an 15mh den Iuchar.
Thuirt Malcolm Mac a' Ghobhainn, comhairleach àiteachais do dh'Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh (CNPA): "Tha thu a' dol tro choille lom a-niste le eòin a' sgèith a' coimhead airson nan neadan aca."
Chaidh teàrmann Comann Rìoghail Dìon nan Eun an Alba (RSPB) aig Loch a' Ghartain an Obar Neithich a dhroch losgadh agus thuirt an carthannas gur dòcha gum bi grunn sheachdainean ann mus tèid an teine a chur às buileach.

Uighean briste aig eòin fhiadhaich aig tèarmann Loch a' Ghartain aig RSPB na h-Alba ann an Obar Neithich
Tha deugachadh de luchd-smàlaidh fhathast a' dèiligeadh ris an teine aig na h-àitichean as miosa le taic bho shaor-thoilich agus heileacoptairean a tha a' dòrtadh bùirn.
Tha dòchas ann gun cuir an t-sìde nas fhionnaire agus an t-uisge bacadh air an teine bho bhith a' sgapadh tuilleadh.
Thuirt Mgr Mac a' Ghobhainn gun robh a bhuil air an talamh na "bhriseadh-cridhe".
"'S e sealladh truagh a th' ann," thuirt e.
"'S àbhaist dhut a bhith a' faicinn nam beanntan àlainn seo as t-samhradh agus am faicinn fo shneachda sa gheamhradh.
"Cha bhiodh tu a' smaoineachadh gum biodh e comasach gun ruigeadh na teintean far am bi daoine a' sgitheadh."
Rinn Mgr Mac a' Ghobhainn moladh air na coimhearsnachdan ionadail airson na taice a thug iad do luchd-smàlaidh, tuathanaich agus saor-thoilich.

Tha luchd-smàlaidh le taic bho shaor-thoilich air a bhith a' strì ris an teine sa Mhonadh Ruadh bhon 15mh den Iuchar. Chaidh an dealbh seo a thogail air an 17mh den Iuchar

Bha tèarmann Loch a' Ghartain aig RSPB na h-Alba an Obar Neithich air tè de na sgìrean as motha a dh'fhuiling
Thuirt RSPB na h-Alba gun robh 5,000 gnè rim faighinn an tèarmann Loch a' Ghartain aca agus gun deach biastagan, snàgairean cho math ri craobhan, crotalan agus còinneachan a mharbhadh.
Thuirt James Reynolds bhon charthannas gun do dh'fhàg an teine làrach loisgte san robh 6,177 àcaire agus gur e sealladh "grannda agus neo-fhoisneachail" a bh' ann.
Thuirt e gun robh an suidheachadh gu math beòthail fhathast.
"Tha làraichean sa mhòine fhathast nan smàl agus nuair a bheòthaicheas a' ghaoth tha an teine ga chur thuige a-rithist."
Thuirt Mgr Reynolds gur dòcha gun toireadh e seachdainean neo nas fhaide gus an teine a chur às buileach. "Tha sinn ag ùrnaigh airson uisge," thuirt e.

Thachair an teine agus an t-sìde air a bhith tioram agus blàth

Tha rabhadh ann gur dòcha gum bi grunn sheachdainean ann mus tèid an teine a chur às buileach
Thuirt RSPB na h-Alba gum bu chòir gun ath-shlànaich an àrainneachd, ach nach robh fios aca dè cho fada agus a bheireadh sin.
Thòisich an teine faisg air baile a' Ghlinne Mhòir, a tha faisg air an Aghaidh Mhòir, air 15mh den Iuchar agus b' fheudar do luchd-còmhnaidh agus daoine bho làraichean-campachaidh falbh às an sgìre.
Aig àirde, bha còrr air 500 smàladair an sàs san iomairt agus chaidh "mòr-thachartas" a ghairm le Poileas Alba Dihaoine.
Tha cuid san sgìre air càineadh a dhèanamh air Riaghaltas na h-Alba airson agus nach do rinn iad barrachd luath gu leòr airson dèiligeadh ris an teine.
Tha dùil ris an fhiosrachadh as ùire mun t-suidheachdadh bho Sheirbheis Teasairginn agus Smàlaidh na h-Alba an-diugh fhathast.

Bha luchd-smàlaidh à Stèisean Smàlaidh Coimhearsnachd Chomaraidh am measg nan criuthaichean a thàinig bho air feadh Alba airson an teine a chur às

Luchd-smàlaidh à Stèisean Smàlaidh Coimhearsnachd Inbhir Theòrsa ann an coille a chaidh a dhroch mhilleadh san teine
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 1 latha

- Air fhoillseachadhBho chionn 2 latha

- Air fhoillseachadhBho chionn 5 làithean
