Corp air a lorg sa Chuilthionn

Chunnacas Mgr Patemore mu dheireadh mu 10:45m Là na Sàbaid a' fàgail Ostail Ghlinn Bhreatail
- Air fhoillseachadh
Chaidh corp a lorg anns an Eilean Sgitheanach, far an robh iomairt teasairginn a' dol gus lorg fhaighinn air fear a bh' air dhol a dhìth anns na beanntan.
Cha deach dearbhadh cò th' ann, ach chaidh fios a chur gu teaghlach Hector Patemore, 45, à Ghent anns a' Bheilg.
Chaidh Mgr Patemore fhaicinn mu dheireadh mu 10:45m Là na Sàbaid, is e a' fàgail ostail òigridh.
Thuirt oifigearan nach do thill e dhan àite-fuirich aige agus nach robh e air bruidhinn ris an teaghlach aige.
Chaidh innse dha na poilis Diluain gun deach corp a lorg ann an sgìre a' Chuilthionn.
Chan eil dùil gu bheil càil amharasach mun bhàs agus thèid aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.