Naidheachdan 10:00m

An t-Aonadh

Thuirt Iain Swinney gu bheil atharrachadh mòr air fàire ann am bun-reachd na Rìoghachd Aonaichte. Seo agus e a' dol a choinneachadh ri ceannard Plaid Cymru, Rhun ap Iorwerth, agus ceannard Sinn Féin, Michelle O'Neill, ann an Cardiff an-diugh. 'S ann mar cheannardan partaidh, seach prìomh mhinistearan, a bhios iad a' coinneachadh, a bhruidhinn air mar a dh'obraicheas iad a dh'ionnsaigh neo-eisimeileachd dha na dùthchannan aca. Thuirt Sràid Dhowning gu bheil am Prìomhaire fo ghealltanas atharrachaidhean a lìbhrigeadh air feadh nan ceithir dùthchannan, 's gu bheil e a' creidsinn gu làidir anns an Aonadh.

An Ucràin

Tha buidheann mhòr rannsachaidh sna Stàitean Aonaichte, Institiut Sgrùdaidh a' Chogaidh, air iarraidh air NATO beachdachadh air a bhith a' cur stad air drònaichean Ruiseanach anns na speuran os cionn na h-Ucràin. An-dè, bhuail dròna Ruiseanach ann an trèana faisg air crìoch na Pòlainn goirid an dèidh do thrèana eile - air an robh Boris Johnson agus buidheann de dh'oifigich Eòrpach a' siubhal - an aon stèisean fhàgail. Cha deach duine a ghoirteachadh. Thuirt Mgr Johnson gun robh Putin a-niste coltach ri rodan a' sealltainn fhiaclan 's e air a chròthadh ann an toll.

Tabhartasan Poilitigeach

Thuirt leas-cheannard Reform UK, Richard Tice, gu bheil an riaghaltas a' feuchainn ris na riaghailtean atharrachadh gu h-ais-ghabhalach - retrospectively. Seo agus Taigh nam Morairean an-diugh gu bhith a' deasbad atharrachaidhean anns an lagh mu thabhartasan do phartaidhean poilitigeach, agus casg ga mholadh air meud thabhartasan. Bha Mgr Tice a' bruidhinn an dèidh mar a fhuair Reform UK £72m eadar dà thabhartas bho dhithis billeanair crypto ann an aon là. Tha am bile a tha ro na morairean a' moladh casg aig £100,000 air tabhartasan bho luchd-bhòtaidh Breatannach a tha a' fuireach thall-thairis. Tha ceannard an aonaidh Unite - tè de na buidhnean maoineachaidh as motha aig a' Phartaidh Làbarach - am measg na tha a' cur taic ris na molaidhean.

Prìsean Connaidh

Dh'èirich prìsean ola is gas sna h-uairean mu dheireadh air an naidheachd gun deach milleadh a dhèanamh air prìomh phìoba ola ann an Saudi Aràibia. Tha pìoba Yanbu air a bhith dùinte bho bhuail dròna ann air an t-seachdain a chaidh. Tha cosgais gas air èirigh còrr air còig sa cheud, agus tha Brent Crude a-niste mu $108 am barraille.

Fireannach a dhìth

Tha na Poilis ag iarraidh taic 's iad a' sireadh fear a tha a dhìth san Eilean Sgitheanach. Tha Hector Patemore, aois 45, 's a bhuineas don Bheilg, air a bhith a' coiseachd nam beann san eilean. Chunnacas mu dheireadh e mu chairteal gu aon uair 's deug an-dè 's e a' fàgail Ostail Ghleann Bhreatail 's e a' dèanamh air Sgùrr na Banachdaich, taobh Coire na Banachdaich. Cha do thill e dhan ostail 's chan eil e air bruidhinn ri a theaghlach.