Cuimhne air an fhear le ceangal le Nis a chaillear ann an 9/11

- Air fhoillseachadh
*Chaidh an aithris seo fhoillseachadh an toiseach ann an 2021, 20 bliadhna bliadhna às dèidh nan ionnsaighean*
Cha robh mise ach seachd bliadhna a dh'aois nuair a thug ceannaircich al-Qaeda ionnsaigh air na Stàitean Aonaichte air an 11mh den t-Sultain 2001.
Tha beagan de chuimhne agam a bhith a' faicinn nan dealbhan air an telebhisean, agus gun robhar ag innse dhuinn sa sgoil an ath là mu dheidhinn.
Bha fios agam gur e tachartas mòr a bh' ann a bha air aire an t-saoghail a ghlacadh.
Ach 's beag fios a bh' agam gun robh duine le ceanglaichean gu sgìre air a bheil mi fhèin gu math eòlach air a bheatha a chall an là sin.
Bha Gavin Cushny ag obair don chompanaidh ionmhais Cantor Fitzgerald air an 104mh làr de thùr a tuath Ionad Malairt na Cruinne ann an New York.
Air a' mhadainn a thug ceannaircich ionnsaigh air an togalach, stiùir iad itealan American Airlines Flight 11 a-steach eadar an 93mh agus an 99mh làr, a' glacadh a h-uile duine os on cionn gun chothrom aca teicheadh.
Bhàsaich a h-uile duine a bha ag obair do Chantor Fitzgerald a bha a-staigh air a' mhadainn sin.

Bha Gavin air leth dèidheil air na Stàitean Aonaichte às dèidh dha gluasad bho Alba aig aois 25.
Aig an àm-sa, dh'atharraich e ainm bho shloinneadh an teaghlaich, Eales-White, gu Cushny, ainm a sheanmhar mus do phòs i.
Ghluais an teaghlach bho thùs gu Cros ann an Nis ann an 1969, agus goirid às dèidh seo, chaidh iad a dh'fhuireach ann an Dail bho Dheas.
Bha Gavin na dheugaire aig an àm agus chuir e seachad dhà na thrì sheachdainean aig Sgoil MhicNeacail, mus do roghnaich e gum biodh e na b' fheàrr feuchainn airson na teisteanasan aige e fhèin a bhith ag ionnsachadh aig an dachaigh.
Ged a dh'fhàg Gavin Alba aig aois òg, bha e fhathast a' faireachdainn dàimh làidir ris na h-eileanan.
Bha e an dùil tè a choinnich ris ann an Ameireagaidh, Susann Brady, a phòsadh aig Eaglais Naomh Pheadair sa bhaile, san Dàmhair 2001.
Nach beag a bha dùil aca gum biodh Gavin air a bheatha a chall dìreach mìos ron àm.

Bha Gavin an dùil pòsadh ann an Eaglais Naomh Pheadair an Steòrnabhagh
Dh'innis a bhràthair, Rupert Eales-White, dhomh gun deach e fhèin agus a mhàthair gu New York airson seirbheis-chuimhneachaidh, agus gus an dust aige a thoirt dhachaigh leotha.
Chaidh corp Gavin a lorg, an cuide ri neach eile, air staidhre, còmhla ri dusan neach-smàlaidh.
Le bratach nan Stàitean Aonaichte a' còmhdachadh na ciste, chaidh Gavin a thoirt air ais a Steòrnabhagh.
Chaidh a thìodhlacadh ann an Cladh Thàboist, ri taobh athar, a bha air bàsachadh na bu tràithe dhen bhliadhna.
"Bha bròn mòr san sgìre"
Chuir e iongnadh air muinntir Nis gun robh cuideigin bhon sgìre aca fhèin air a bhith am measg na chaill am beatha ann an New York.
Bha Coinneach MacLeòid eòlach air teaghlach Gavin agus esan cuideachd a' fuireach ann an Dail bho Dheas.
"Tha mi a' smaoineachadh gun robh là neo dhà mus d' fhuair sinn a-mach gun robh Gavin Cushny am measg an fheadhainn a bha a dhìth, agus an uair sin chuala sinn gun do chaochail e," thuirt Mgr MacLeòid.
"Bha bròn mòr san sgìre agus tha fios agam gun robh tòrr dhaoine a' cuideachadh màthair Gavin aig an àm, agus gu math taiceil dhi.
"Bha i dìreach air an duine aice a chall dhà na thrì mhìosan ron sin agus 's e buille mhòr dha-rìribh a bh' ann a bhith a' call a mic ann an 9/11," thuirt e.

Leac Gavin Cushny ann an Cladh Thàboist
Ged nach eil e a' faireachdainn gu bheil cho fada sin ann bho thachair ionnsaigh an 11mh den t-Sultain, thàinig e a-steach orm gur e ùine fhada a th' ann am 20 bliadhna nuair a thadhail mi air leac Gavin ann an Cladh Thàboist.
Bha am peant air falbh bho na litrichean, agus bha crotal a' fàs mu thimcheall.
A' bruidhinn ri bhràthair, Rupert, tha e follaiseach gu bheil na cuimhneachain fhathast prìseil ged a tha na bliadhnaichean a' dol seachad.
"Tha mi ga ionndrainn gu mòr. Tha mi fhathast ga ionndrainn às dèidh 20 bliadhna.
"Bidh mi a' cuimhneachadh air gu math tric."
A' coimhead aig an àm seo den bhliadhna air na dealbhan uabhasach a chuir goireasachadh oirnn uile, tha e duilich a chreidsinn gun robh fear am measg sin le ceanglaichean ris na h-eileanan againn fhèin.
Fianais a-rithist air mar as urrainn ceannairc bualadh air oisean sam bith den t-saoghal, is air duine còir a chaidh a thìodhlacadh aig aois fada ro òg air machair Thàboist.