Naidheachdan 10:00m
9/11
Thathar a comharrachadh 25 bliadhna bho ionnsaighean nine eleven an-diugh. Chaidh faisg air 3,000 neach a mharbhadh ann an ionnsaighean Al Qaeda ann an 2001, nuair a fhuair ceannarcaich Islamach smachd air plèanaichean a stiùir iad a dh'ionnsaigh na Twin Towers ann an New York, le ionnsaigh cuideachd air a' Phentagon ann an Virginia. Thàinig plèana eile dhan ghrunnd ann am Pennsylvania nuair a rinn luchd-siubhail an gnothach air sabaid air ais an aghaidh nan ceannairceach air bòrd. Am measg àitichean eile, thèid cuirm-chuimhneachaidh a chumail ann an New York fhèin anns am bi ceannardan poiliteagach, riochdairean nan seirbheisean èiginneach agus teaghlaichean fheadhainn a chaill am beatha an làthair.
Eaconomaidh na RA
A rèir Oifis nan Statistig Nàiseanta, dh'fhàs eaconomaidh na Rìoghachd Aonaichte barrachd na bhathar an dùil tron Iuchar. Chaidh fàs de 0.4% a chlàradh, le sin a' tighinn agus dùil nach biodh fàs ann idir tron mhìos ud. Tha an ONS air cantail gur e cho làidir 's a bha roinn nan seirbheisean - gu seachd àraid prògramadh compiutaireachd agus AI, a bha air cùl na bha seo.
Cunntasan cumhachd
Tha Oifis Nàiseanta an Sgrùdaidh a' rabhadh gun èirich billeachan cumhachd ma thèid dàil a chur air pròiseactan a tha ag amas leasachadh a dhèanamh air a' Ghriod Nàiseanta, an leithid na dh'fhaodadh a bhith fa-near ann an sgìre na Gàidhealtachd. Chaidh pròiseact fo-stèisean agus ionad-tionndaidh aig SSEN ann am Fàn Eilean agus an loidhne gu tuath a Ghallaibh a dhiùltadh le Comhairle na Gàidhealtachd, le SSEN ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba co-dhùnadh an aghaidh sin ge-tà. A rèir na h-athaisg ùire, tha cruaidh-fheum air £7bn airson obair air a' ghriod airson cumhachd ath-nuadhachail fhaighinn bho thuathanasan-gaoithe dhan ghriod fhèin.
An A82
Tha cùmhnantair nan rathaidean, Bear Scotland, a' cantail gun tèid obair-sgrùdaidh a dhèanamh air an A82 sa Ghearasdan airson faicinn dè ghabhas a dhèanamh airson dèiligeadh ri tuilltean an sin. Sin às dèidh mar a bha mòran dhraibhearan steicte anns na càraichean aca airson còrr air dà uair an uaireadair aig toiseach na seachdain agus drèanaichean stobte, le uisge an uairsin a cruinneachadh mun rathad. Thuirt Bear Scotland gun tèid sgrùdadh a dhèanamh airson lorg fhaighinn air dè dìreach a tha ag adhbharachadh na tha seo, agus airson stèidheachadh na ghabhas a dhèanamh airson an leithid a sheachnadh anns an àm ri teachd.
Tubaist rathaid
Tha na poilis ag iarraidh fios bhon phoball às dèidh tubaist rathaid anns an deach fear aois 36 a mharbhadh ann an Siorrachd Obar Dheathain. Thachair an tubaist eadar bhana Vauxhall Combo gheal agus làraidh Volvo Skip ghorm feasgar an-dè air an A945 faisg air Fyvie. Chaochail draibhear a' bhana far an do thachair an tubaist, le draibhear na làraidh air a thoirt dhan ospadal.