Rabhadh air "barrachd phian" 'son UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall

An Dr Mìcheal Foxley
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an Dr Mìcheal Foxley air bòrd UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall

  • Air fhoillseachadh

Tha a h-uile coltas ann gum bi "barrachd phian" ann do Cholaiste UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall mus ruig e an ìre a bu chòir, a rèir fhir a bha aig cridhe nam planaichean gus a' bhuidheann a thoirt gu buil bho thùs.

Bha an Dr Mìcheal Foxley a' bruidhinnn an dèidh mar a sheall aithisg bho Bhuidheann-Sgrùdaidh na h-Alba gu bheil easbhaidh £4.7m aig a' cholaiste anns a' chiad dà bhliadhna aca.

Thuirt an Dr Foxley nach eil maoineachadh gu leòr idir ga chumail ri colaistean na h-Alba san fharsaingeachd, ach nach eil aithisg na buidhne-sgrùdaidh idir a' tuigsinn suidheachadh an UHI, a thuilleadh air ceistean maoineachaidh.

Chaidh UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall a chruthachadh ann an 2023 le bhith a' cur Colaisde Chaisteil Leòdhais, Colaiste Thaobh Siar na Gàidhealtachd agus Colaiste Cheann a Tuath na Gàidhealtachd an ceann a chèile.

Bha na trì colaistean sin roimhe neo-eisimeileach ach nam buill de UHI.

Dìth tuigse

B' e an Dr Foxley a bha os cionn bòrd na buidhne a thug na colaistean còmhla.

Bha e a' cumail a-mach bho thùs nach robh doimhneachd gu leòr anns na structaran stiùiridh aig na colaistean a bh' ann, is gum biodh cuideachd "guth nas làidire" aig a' bhuidhinn ùir ann an còmhraidhean leis an riaghaltas, buidhnean maoineachaidh agus aonaidhean.

Tha e a-nise air aithisg ùr Buidheann-Sgrùdaidh na h-Alba a chàineadh is e ag ràdh nach eil a' bhuidheann a' tuigsinn cho toinnte 's a tha e a bhith a' toirt seachad foghlaim cholaiste thairis air àireimh mhòir ionadan sgapte.

"Tha roinn nan colaistean air feadh Alba a' fulang gu mòr le cion maoineachaidh, 's tha sin air a bhith fìor fad iomadh bliadhna," thuirt e.

"Chan eil Buidheann-Sgrùdaidh na h-Alba riamh air Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean a thuigsinn, le 70 ionad-ionnsachaidh tarsainn air dà thrìan de dh'fhearann na h-Alba eadar Sealtainn is Peairt, eadar Moireibh is na h-Eileanan Siar.

"Tha iad dìreach gam meas uile mar gur e oilthigh ann am meadhan bhaile mhòir a th' ann."

Thuirt an Dr Foxley gur e modail ùr mhaoineachaidh a tha a dhìth, agus UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall am measg còig ann an Alba a b' fheudar cur airson taic èiginnich sa bhliadhna mu dheireadh.

Thàinig rabhadh bhuaithe cuideachd gu bheil a h-uile coltas ann gum bi "barrachd phian" ann fhathast airson na buidhne.

"Cha do thuig duine againn dè dìreach cho toinnte is cho dùbhlanach is cho cosgail 's a bhiodh e na trì colaistean a bh' ann a thoirt còmhla", thuirt e.

"Bha cultar diofraichte anns gach àite is cha robh maoineachadh againn bho Chomhairle Maoineachaidh na h-Alba mu choinneimh sin.

"Cha d' fhuair sinn airgead gu leòr airson an obair a dhèanamh, cosgaisean IT is cosgaisean laghail.

"Bidh feum air barrachd ùine - agus tha mi cha mhòr cinnteach barrachd phian - airson an rud slàn a thoirt gu buil.

"Bu chòir do Bhuidhinn-Sgrùdaidh na h-Alba - ma tha iad comasach air seo a dhèanamh - sùil gheur a thoirt air na tha a' cholaiste sin a' toirt seachad tarsainn air sgìre mhòr dha-rìribh de dh'Alba dhùthchail is iomallach".

UHI Innse Gall bhon adharTùs an deilbh, UHI Innse Gall
Fo-thiotal an deilbh,

Tha UHI Innse Gall na phàirt den cholaiste ùr a chaidh a chur air bhonn ann an 2023

Dh'iarr BBC Naidheachdan freagairt bho Bhuidhinn-Sgrùdaidh na h-Alba air puing an Dr Foxley nach do thuig iad a-riamh mar a tha foghlam colaiste ga thoirt seachad air a' Ghàidhealtachd.

A' freagairt sin, thuirt Àrd-Neach-Sgrùdaidh na h-Alba, Steven Boyle:

"Tha an t-uallach ionmhasail a th' air colaistean na h-Alba a' dol am meud, agus tha an suidheachadh aca fhathast gu math dùbhlanach. Às aonais ath-leasachaidh chabhaigich agus shoirbheachail air an roinn, chan eil e soilleir co-dhiù thèid aig colaistean air cumail orra a' lìbhrigeadh do dh'oileanaich agus luchd-fastaidh."

Chuir ministear an àrd-fhoghlaim ann an Riaghaltas na h-Alba fàilte air aithisg na buidhne.

"Tha sinn a' cur taic ghnìomhaich ris an roinn le bhith ag àrdachadh buidseat nan colaistean 10% am-bliadhna, a thuilleadh air farsainneachd cheumannan airson cùisean ionmhais cholaistean a dhèanamh nas seasmhaiche, agus barrachd shùbailteachd a thoirt dhaibh," thuirt Alyn Mac a' Ghobhainn.

"Tha sinn air a bhith ag obair gu dlùth le Comhairle Maoineachaidh na h-Alba agus an roinn airson sùbailteachd a bharrachd a thoirt dhaibh, a' toirt a-steach taic airson chosgaisean luchd-obrach."