"Guth nas làidire" ri linn plana an UHI

  • Air fhoillseachadh
Colaiste a' ChaisteilTùs an deilbh, Colaiste a' Chaisteil

Thuirt fear a tha os cionn pròiseict gus trì de cholaistean Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean a chur còmhla gun tig guth nas làidire do choimhearsnachdan dùthchail is eileanach às.

Bha an Dr Mìchael Foxley a' bruidhinn is cothrom aig daoine am beachd a thoirt seachad air na planaichean aig sreath de choinneamhan air-loidhne.

Fo na molaidhean a th' ann, rachadh Colaiste a' Chaisteil, Colaiste Cheann a Tuath na Gàidhealtachd, agus Colaiste na Gàidhealtachd an Iar a chur còmhla airson buidheann acadaimigeach ùr a chruthachadh.

Dh'fhosgladh a' bhuidheann ùr sin san Fhaoilleach 2023.

Ged a tha cuid air draghan a thogail mu na planaichean, thuirt an UHI nach biodh an gluasad a' ciallachadh gum biodh seirbheisean air an gluasad chun a' mheadhain.

Gheall iad cuideachd nach tèid daoine a chur às an dreuchd an aghaidh an toil.

Bheir am plana buaidh air mu 9,000 oileanach agus air mu 600 luchd-obrach is tha sreath de choinneamhan a-nise gus tòiseachadh gus am faigh daoine cothrom beachd a thoirt seachad.

"Buannachdan"

'S e an Dr Mìcheal Foxley a tha os cionn a' bhùird a tha a' stiùireadh a' phròiseict.

Thuirt esan gu bheil e deatamach gun tèid na planaichean air adhart.

"'S e trì colaistean beaga a th' againn an seo agus tha uallach fìor mhòr air luchd-obrach aig amannan, is gu h-àraidh san dà bhliadhna mu dheireadh le Covid", thuirt an Dr Foxley.

"Chan eil doimhneachd idir anns na structaran stiùiridh is structaran taice is ma tha cuideigin aig àrd-ìre dheth, tric chan eil duine a thèid nan àite.

"A thuilleadh air sin, tha buannachdan mòra an cois buidhne nas motha a thaobh chòmhraidhean leis an Riaghaltas, buidhnean-taice is na h-aonaidhean.

"Tha sinne misneachail gun toir an gluasad seo guth gu math nas làidire airson nan coimhearsnachdan dùthchail is eileanach a th' againn", thuirt e.

Tòisichidh coinneamhan airson luchd-obrach an t-seachdain seo is coinneamhan poblach a' tòiseachadh an ath-sheachdain. Bidh coinneamhan ann airson nan oileanach an ath-mhìos.

Bidh seo uile air-loidhne is gheibhear am fiosrachadh air fad an seo, taobh a-muigh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo