NàdarAlba a' dìon mar a cho-dhùin iad gun Sealg a' Ghuga a cheadachadh

Dithis fhear ann an aodach dìonach a' càrnadh gugachan marbh ann an Sùlasgeir. Tha bàta-iasgaich sa mhuir.
Fo-thiotal an deilbh,

Tha sgaradh bheachdan ann mu shealg a' ghuga fhèin agus mar a rinneadh co-dhùnadh gun cead a thoirt seachad am-bliadhna

  • Air fhoillseachadh

Chuir NàdarAlba dìon air mar a cho-dhùin iad cead a dhiùltadh do shealg a' ghuga am-bliadhna.

Thàinig beachd bhon bhuidhinn a' freagairt aithris ann an Gasaet Steòrnabhaigh, taobh a-muigh a bha a' cumail a-mach nach tug iad feairt air na bha cuid de na h-eòlaichean a' moladh - gum faigheadh muinntir Nis cead airson 500 isean sùlaire a mharbhadh.

A-nis, tha Àrd-oifigear na buidhne-riaghaltais, Nick Halfhide, air litir a chur gu deasaiche a' phàipeir-naidheachd gan dìon fhèin agus ag innse mar a rinn iad co-dhùnadh.

Aig an dearbh àm, tha BP nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil feum fhathast air mìneachadh bho NàdarAlba air ciamar a ràinig iad an co-dhùnadh aca.

Tha an litir aig Nick Halfhide, a chunnaic am BBC, ag ràdh gun "do bheachdaich am bòrd air farsaingeachd de dh'fhianais agus comhairle mus do rinn iad co-dhùnadh".

Thuirt iad: "Bha caochladh bheachdan proifeasanta ann agus bha deasbad làidir ann taobh a-staigh na buidhne."

Tha iad ag ràdh gu bheil sin a' dearbhadh cho mionaideach agus a bha am pròiseas measaidh agus "nach e fianais a tha sin nach do ghabh iad ri comhairle shaidheansail".

Dithis luchd-iomairt air an èideadh mar shùlairean air mullach togalaich le soidhne air a bheil sgrìobhtge ABOLISH THE GUGA HUNT
Fo-thiotal an deilbh,

Thog luchd-iomairt an aghaidh na seilge iomairt air mullach prìomh-thogalach NàdarAlba ann an Inbhir Nis

Bha aithris a' phàipeir-naidheachd stèidhichte air conaltradh a thàinig am follais tro iarrtas Achd Saorsa an Fhiosrachaidh a rinn BP nan Eilean Siar, Torcuil Crichton.

Tha Mgr Crichton a' gabhail ris gu bheil NàdarAlba a' dol às àicheadh nach b' e cuideam poiliteagach neo sòisealta a bu choireach ris a' cho-dhùnadh aca.

Ge-tà, tha esan fhathast a' sireadh mìneachaidh mun phròiseas agus fianais "gun robh deasbad aca mun dòigh-chunntais a bha iad a' cleachdadh airson obrachadh a-mach am bu chòir 500 eun a bhith air am spadadh neo nach bu chòir".

"Bha argamaid a' dol cola-deug mus tàinig iad dhan cho-dhùnadh, agus feumaidh iad mìneachadh ciamar a thàinig iad dhan cho-dhùnadh sin," thuirt e.

Dhiùlt NàdarAlba an t-sealg a cheadachadh san Ògmhios leis nach urrainn dhaibh a bhith cinnteach nach toireadh i droch bhuaidh air àireamh nan sùlairean san eilean bheag chreagach mu 40 mìle iar-thuath air ceann a tuath Leòdhais.

Rinn luchd-iomairt a tha den bheachd gur e "spòrs fhuilteach" a th' anns an t-sealg gàirdeachas, ach b' e buille a bh' ann do mhuinntir Nis a tha den bheachd gu bheil i mar phàirt den dualchas aca fad linntean.

San litir gu Gasaet Steòrnabhaigh, tha NàdarAlba ag ràdh gu bheil iad "ag aithneachadh cho làidir agus tha daoine a' faireachdainn mun chuspair".

Thuirt iad: "Ge-tà, tha casaidean gun deach an co-dhùnadh a dhèanamh gun feairt a thoirt air fianais neo comhairle eòlaichean gu tur ceàrr."

Dh'aontaich Comataidh nan Athchuingean aig Holyrood Diardaoin athchuinge air a bheil còrr is 110,000 ainm ag iarraidh casg buileach air sealg a'ghuga a chumail fosgailte.