Dithis fo chasaid an dèidh drugaichean luach £770,000 a lorg an Inbhir Nis

Togalach geal le sia colbhan agus rudan - Taigh-cùirte Inbhir NisTùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,

Nochd an dithis fhear an Cùirt an t-Siorraim an Inbhir Nis ann an co-cheangal ris na fhuaireadh de dhrugaichean

  • Air fhoillseachadh

Tha dithis fhear air nochdadh sa chùirt an dèidh mar a fhuaireadh drugaichean luach £770, 000 ann an Inbhir Nis.

Thuirt na poilis gun deach iad le barantasan-rannsachaidh gu seòlaidhean ann an Ceann a' Mhìlidh agus An Slag Buidhe sa bhaile Diardaoin.

Fhuaireadh cocain agus cainb ann cho math ri còrr is £10,000.

Nochd Liam Fearghasdan, 28, agus Joshua Reilly, 21, an Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis Dihaoine fo chasaid gun robh iad an sàs ann a bhith a' reic dhrugaichean mì-laghail.

Cha do rinn iad tagradh. Chaidh an dithis a leigeil mu sgaoil air urras agus tha dùil gun nochd iad ann an Cùirt an t-Siorraidh an Inbhir Nis aig àm eile.