Trì colaistean aig UHI air a dhol còmhla

Oileanaich ann an SteòrnabhaghTùs an deilbh, UHI
Fo-thiotal an deilbh,

Oileanaich ann an Steòrnabhagh

  • Air fhoillseachadh

Thug Riaghaltas na h-Alba cead dha trì colaistean aig Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean a dhol còmhla.

Thig na colaistean - UHI Innse Gall nam measg - ri chèile bhon chiad là den ath-mhìos.

Dh'innis Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean bho chionn dà bhliadhna gun robh iad airson trì colaistean - UHI Innse Gall, UHI an Iar, is UHI a Tuath - a chur ri chèile.

Thuirt iad gum biodh guth nas làidire aca còmhla, le barrachd chothroman rannsachaidh is cothroman ùra eile do dh'oileanaich, is gum biodh sin a' freagairt nas fheàrr air feumalachdan nan sgìrean anns a bheil iad stèidhichte.

Ged a thog cuid draghan bho nochd am plana an toiseach, thuirt UHI nach bi an gluasad a' ciallachadh gum bi seirbheisean air an gluasad chun a' mheadhain.

Bhòt na trì colaistean an-uiridh airson a dhol còmhla.

Tha Riaghaltas na h-Alba a-nise air cead a thoirt dhan phlana - is thig na colaistean còmhla air an 1mh den Lùnastal.

'S e UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall an t-ainm a bhios air a' bhuidhinn ùr.

Ceannard Ainmichte UHI a Tuathm an Iar is Innse Gall, Lydia RohmerTùs an deilbh, UHI
Fo-thiotal an deilbh,

'S i Lydia Rohmer Ceannard Ainmichte UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall

Thuirt Ceannard Ainmichte UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall, Lydia Rohmer: “Tha còrr air dà bhliadhna air a dhol seachad bhon thòisichear a’ planadh UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall agus cha bhiodh cùisean air a bhith comasach às aonais an fhrèam-obrach air leth de cheannardan, luchd-obrach, oileanaich agus bùird rianachd.

"Bu mhath leam cuideachd taing a thoirt do UHI agus Comhairle Maoineachaidh na h-Alba airson an taic tron phròiseas seo."

Clàr de làraichean UNITùs an deilbh, UHI
Fo-thiotal an deilbh,

Tha 19 làraichean gan toirt còmhla fon aon bhratach

Bheir seo buaidh air mu 9,000 oileanach is 600 luchd-obrach thar 19 làraichean ann an Gallaibh, Caitaibh, Taobh Sear Rois 's Cromba, Loch Abar, Taobh Siar Rois, an t-Eilean Sgitheanach agus na h-Eileanan an Iar.

Tha an sgìre anns a bheil làraichean UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall nas motha na a' Chuimrigh le 40% de chladaichean na h-Alba.

Chuir UHI fàilte air a' cho-dhùnadh is thuirt iad gu bheil cothroman mòra na lùib do choimhearsnachdan agus dhan Ghàidhlig am measg eile.