UHI Inbhir Nis a' beachdachadh air obraichean a ghearradh gus £2m a shàbhaladh

- Air fhoillseachadh
Tha UHI Inbhir Nis air sgeama a chur air chois a leigeas le daoine an dreuchdan fhàgail len toil.
Tha seo ann an oidhirp lùghdachadh de thimcheall air £2m sa bhliadhna a thoirt air cosgaisean luchd-obrach.
Thuirt ceannardan aig an làraich, a tha mar phàirt de lìonra Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean, gum feum iad a bhith cinnteach gu bheil iad ann an suidheachadh seasmhach a thaobh ionmhais.
Chaidh innse do luchd-obrach mun sgeama ann an coinneamhan aghaidh ri aghaidh agus air loidhne.
6,000 oileanach nas lugha aig UHI
- Air fhoillseachadh22 An t-Iuchar 2025
"Dùbhlan mòr" ro cholaistean UHI
- Air fhoillseachadh21 An t-Ògmhios 2018
Sreath làithean stailce am measg luchd-obrach UHI a' tòiseachadh
- Air fhoillseachadh30 An Dàmhair 2025
Thuirt a' Phrìomh Ollamh Chris O'Neil nach robh UHI Inbhir Nis air na targaidean aca mu thimcheall àireamhan oileanach a choileanadh am-bliadhna, a' fàgail beàrn nan teachd a-steach.
Thuirt e: "Tha e riatanach gun dèan sinn rudeigin an-dràsta gus a bhith seasmhach san ùine fhada a thaobh ionmhais agus structair.
"Mar sin, 's urrainn dhuinn cumail oirnn a' lìbhrigeadh an fhoghlaim agus nan sgilean air a bheil feum airson taic a chur ri soirbheachas eaconomaigeach na sgìre.
"Tha sinn taingeil gu bheil taic againn bho bhuidhnean aonaidh agus sinn ag ullachadh airson an sgeama seo a chur an sàs."