6,000 oileanach nas lugha aig UHI

- Air fhoillseachadh
Tha 6,000 oileanach nas lugha a' dèanamh chùrsaichean aig Oilthigh na Gaidhealtachd agus nan Eilean am-bliadhna, an taca ris an-uiridh.
Tha sin a rèir fhiosrachaidh ùir a chaidh fhoillseachadh ri linn iarrtas a chuireadh chun an oilthigh fo Achd Saorsa an Fhiosrachaidh.
Tha roinn nan colaistean agus nan oilthighean air feadh na h-Alba le sreath dhuilgheadasan aig an àm seo.
Tha 48 colaiste agus ionad aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean air feadh na dùthcha.
Thuit an àireamh de dh'oileanaaich a bh' aca ge-tà, bho beagan 's 42,000 ann an 2022/23 gu 36,000 a' bhliadhna an dèidh sin.
Cha bheag na duilgheadasan ionmhais a th' aig UHI, agus mar phàirt den fhreagairt air sin chaidh colaistean sa cheann a tuath, air an taobh an iar agus anns na h-Eileanan an Iar a chur còmhla.
Thuirt neach-labhairt bhon bhuidhinn gu bheil seo a' dearbhadh nan dùbhlan a th' anns an roinn gu lèir.
Dh'innis iad gu bheil iad ag obair gu cruaidh ach am brosnaich iad tuilleadh dhaoine ceum a thoirt a-mach no cùrsa a dhèanamh leotha.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh29 An t-Ògmhios 2020
