Draghan is togalach Àrd-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu air a mheas mar a bhith "truagh"

Boireannach le speuclairean oire na seasamh a-muigh 's i a' coimhead gu dìreach air a' chamara
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Catriona NicÌosaig na pàrant aig Àrd-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu

LeAilean Peutan
BBC NaidheachdanAg aithris àGlaschu
  • Air fhoillseachadh

Tha pàrantan ag iarraidh air Comhairle Bhaile Ghlaschu beachdachadh às ùr mu cho-dhùnadh gun Àrd-Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a leasachadh, is e air tighinn am follais gu bheil draghan mòra ann mu cho freagarrach 's a tha an togalach.

A rèir measadh a chaidh a dhèanamh air an togalach sa Mhàrt, fhuaireadh gu bheil a' mhòr-chuid de na goireasan san sgoil air Sràid Berkely "truagh" agus cuid dhiubh "dona".

Tha pàrantan ann an Glaschu a-niste a' togail cheistean mu mar a cho-dhùin comhairle a' bhaile as t-samhradh stad a chur air plana gus an togalach a leasachadh.

Ach tha Comhairle Baile Ghlaschu a' cumail a-mach fhathast gun gabh an togalach na bhios ann de sgoilearan gu "furasta".

Tha suidheachadh Àrd-Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu air leth cudromach 'son foghlam Gàidhlig sa bhaile san fharsaingeachd is meud na sgoile a' toirt buaidh air an àireamh de sgoilearan a gheibh àite ann an FtMG aig ìre na bun-sgoile.

Thuirt buidheann de phàrantan gum feum rudeigin a bhith air a dhèanamh is an togalach "loma-làn."

Dh'iarr Comann nam Pàrant Ghlaschu air an ùghdarras ionadail obrachadh leotha gus piseach a thoirt air an t-suidheachadh, le bhith a' dearbhadh dòigh an sgoil a leudachadh.

Toglach sgoile air sràid Berkley ann an Glaschu
Fo-thiotal an deilbh,

Sgoil Ghaidhlig Ghlaschu

'S e measaidhean a tha seo a th' air an cur a-steach le ceannardan-sgoile mu cho freagarrach 's a tha na togalaichean-sgoile aca.

Chan ann mu staid an togalaich fhèin neo mun ìre de dh'fhoghlam a tha clann-sgoile a' faighinn a tha iad.

Ach 's e Àrd-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a-nis an aon àrd-sgoil sa bhaile a tha air a meas mar a bhith "truagh" a thaobh freagarrachd.

Tha "truagh" ga mhìneachadh mar thogalach nach eil ag obair mar bu chòir agus far a bheil trioblaidean mòra follaiseach.

A rèir fhigearan nàiseanta, chan eil ach 252 sgoil an Alba air am meas mar a bhith "truagh".

Tha sin a' cur na sgoile am measg an 10% as mì-fhreagarraiche san dùthaich.

Is ged a fhuaireadh freagarrachd an togalaich "truagh" san fharsaingeachd - bha eileamaidean dhe air am meas mar a bhith "dona" - an ìre as miosa a th' ann.

Am measg nan draghan as motha, bha dìth àitichean sòisealta agus spòrs do sgoilearan; tèarainteachd na sgoile; agus cho ruigsinneach 's a tha goireasan leithid taighean-beaga is eile.

Bha Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu - a tha mar phàirt den aon thogalach - ga meas mar a bhith "riarachail" le cuid a dh'eileamaidean "truagh" san sgrùdadh mu dheireadh a chaidh a dhèanamh oirre, ann an 2024.

"Feumaidh sinn rudeigin a dhèanamh"

Tha an suidheachadh air caothach a chur air buidhnean pàrant, a th' air a bhith a' togail dhraghan le Comhairle Ghlaschu fad mhìosan.

"'S e briseadh-dùil a th' ann ach cuideachd tha e a' cur iongnadh orm," thuirt Catriona NicIòsaig, bhon Chomhairle Phàrant.

"Tha cuisean teann, an dà chuid anns a' bhun-sgoil agus san àrd-sgoil.

"Chan ann nas fheàrr a bhios cuisean a' fàs. Tha an togalach loma-làn.

"Feumaidh sinn rudeigin a dhèanamh mun sin."

A rèir Chomann nam Pàrant Ghlaschu, 's e cothrom a tha seo do Chomhairle Ghlaschu beachdachadh a-rithist air plana leasachaidh na sgoile.

Briseadh-dùil

Bha briseadh-dùil am measg phàrantan na bu thràithe air an t-samhradh, nuair a dh'innis an t-ùghdarras ionadail nach tèid làrach ùr a dhearbhadh 'son Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.

Bha dòchas ann gun tachradh sin gus am biodh barrachd rùm ann 'son an àrd-sgoil a leasachadh.

Dh'innis oifigich na comhairle gun dèanadh an togalach air Sràid Berkley a' chùis, fiù 's an àrd-sgoil 's i le fada a bharrachd sgoilearan innte na bu chòir.

Gabhaidh an àrd-sgoil 462 sgoilear - ach tha còrr is 530 innte, a rèir nam figearan as ùire. Bha i dearbhte mar 82% làn anns a' bhliadhna 2024.

Tha a' chomhairle fhèin an dùil gum bi còrr is 700 sgoilear san àrd-sgoil agus faisg air 330 sa bhun-sgoil anns na beagan bliadhnaichean ri thighinn.

Tha tuigse am measg phàrantan gu bheil siostaman air an dealbhachadh gus leigeil le clann na bun-sgoile is àrd-sgoile goireasan a chleachdadh eatorra.

Ge-tà, tha an-fhois is ceistean ann gu sònraichte mu na th' ann de thaighean-beaga airson na th' ann de sgoilearan, agus cho freagarrach is ruigsinneach 's a tha sin.

Thuirt Comhairle Bhaile Ghlaschu gu bheil iad cinnteach gu bheil gu lèor thaighean beaga ann 'son sgoilearan.

A bharrachd air bun-sgoil agus àrd-sgoil, tha sgoil-àraich cuideachd air an làraich le goireasan fa-leth, agus goireas eile do luchd-obrach teicnigeach sgoile 'son a' bhaile gu lèir.

Tha pàrantan agus a' chomhairle air a bhith ag obair còmhla fad bhliadhnaichean gus làrach ùr a lorg 'son na sgoile.

Dh'fhaodar seann togalach a leasachadh neo fear ùr a thogail, a rèir an aonta a bha ann roimhe.

Bha cuideachd tuigse am measg phàrantan gun robh seann Rùnaire an Fhoghlaim Jenny Gilruth agus oifigich Riaghaltas na h-Alba taiceil dha na h-amasan, agus deònach taic maoineachaidh chalpa a thoirt dha comhairle Ghlaschu nam biodh iarrtas ann.

Ach airson sin, dh'fheumte làrach ùr a lorg an toiseach.

"Àbhaisteach"

Ann am brath sgrìobhte, dh'innis Comhairle Ghlaschu gur e rud "àbhaisteach" a th' ann do mheasaidhean den t-seòrsa atharrachadh bho àm gu àm, is nach eil sin a' ciallachadh gu bheil freagarrachd an sgoil air ceum air ais a ghabhail.

Thuirt iad gun tèid mu £400,000 de dh'airgead riaghaltais a chosg gus an làrach air Sràid Berkley a leasachadh.

Thuirt iad cuideachd gun deach na milleanan mòra a chosg air togalaichean bun-sgoile anns na bliadhnaichean a dh'fhalbh - leithid Bun-Sgoil a' Challtainn a dh'fhosglas sa Mhàrt 2027 's a air an do chosg a' chomhairle agus Riaghaltas na h-Alba £24m eatarra.

A dh'aindeoin dragh mun togalach fhèin, tha deagh chliù aig an dà chuid Bun-sgoil is Àrd-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.

Tha deagh thoraidhean gam faighinn sna deuchainnean sgoile gach bliadhna agus farsaingeachd de chur-seachadan spòrs is ceòl gan tabhann do sgoilearan.

Chaidh an togalach anns a bheil iad a thogail anns na 1970an 'son seann Sgoil Woodside.

Thoisich foghlam Gàidhlig ann an Glaschu ann an 1986.

Thèid 40 bliadhna de dh'fhoghlam Gàidhlig ann an Glaschu a chomharrachadh le taisbeanadh sònraichte aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail sa bhaile san Dàmhair.