Maoin Phort-fànais Chataibh air a chur fo shealbh HIE

Ro-ìomhaigh den phort-fhànais ann an Dùthaich MhicAoidhTùs an deilbh, HIE
  • Air fhoillseachadh

Ghabh Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) sealbh air làrach agus maoin Sutherland Spaceport Eta (SSL) ann an Dùthaich MhicAoidh bhon luchd-rianachd.

Chaidh a' chompanaidh a stèidheachadh ann an 2020 le Orbex, a tha stèidhichte ann am Moireibh, le amas rocaidean a chur gu fànais bho làrach air costa a tuath na Gàidhealtachd.

Chaidh Orbex ann an rianachd sa Ghearran am-bliadhna, an dèidh dhaibh dàil a chur ann an leudachadh a' phròiseict san Dùbhlachd an-uiridh, le SSL gan leantainn gu rianachd san Ògmhios am-bliadhna.

B' ann le HIE a bha gabhaltas air an làraich, bho Oighreachd Chroitearan Taobh Mhealanais, 's thug iad fo-ghabhaltas don chompanaidh, a chuir airgead an sàs ann a bhith a' togail rathaid air bhog tarsainn na mòintich thuige, le bun-structar na chois.

A-niste agus iad air sealbh fhaighinn air maoin na companaidh, tha dùil aig HIE ath-sgrùdadh a dhèanamh air mar a b' fheàrr a chruthaichear cosnaidhean aig an làraich.

"'S e a' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan an sgìre as fheàrr san Rìoghachd Aonaichte airson rocaidean a chur gu fànais bho thoiseach seasaimh, 's e fada gu tuath, gun sluagh mòr, agus faisg air a' chladach," thuirt Stiùriche Phròiseactan Ro-innleachdail aig HIE, Daibhidh Oxley.

"Tha seo uile gu math luachmhor do chompanaidhean fànais, 's iad a' fàgail gu bheil Dùthaich MhicAoidh na prìomh roghainn.

"Tha cothrom an cois sinne a bhith a' faighinn seilbh air maoin SSL airson leasachaidhean san àm ri teachd, agus cosnaidhean sàr-sgileil agus cothroman trèanaidh a chruthachadh air an làraich, le buannachdan do ghnothachasan solair."

Chuir Oighreachd Chroitearan Taobh Mhealanais fàilte air an naidheachd.

"Ged nach eil am port-fànais buileach ullamh, tha am màl a gheibh sinn air a shon mar thà air deagh bhuannachd a thoirt dhuinn, a' leigeil leis an oighreachd tòiseachadh air leasachadh taigheadais choimhearsnachd," thuirt cathraiche na h-oighreachd, Dorothy Pritchard.

"Tha sinn a' dèanamh fiughair ri bhith a' faicinn a' phuirt-fhànais a' dol air adhart, agus ris na buannachdan a bheir e do ghnothachasan agus coimhearsnachdan ionadail a thuilleadh air an eaconomaidh nas fharsainne."

Tha an oighreachd cuideachd a' cur airgid a gheibh iad ann am màl airson na làraich ri bhith a' glèidheadh an ionaid choimhearsnachd aca, agus eaglais na sgìre a cheannaich iad o chionn ghoirid.