Atharrachadh air pròiseact puirt-fànais an Dùthaich MhicAoidh

Ro-dhealbh den ionad 's rocaid ag èirigh àsTùs an deilbh, ORBEX
Fo-thiotal an deilbh,

Chuireadh an t-ionad saidealan beaga gu fànais a thomhaiseadh atharrachadh na gnàth-shìde thar ùine

  • Air fhoillseachadh

Ghabh comhairlichean ri gluasad gus atharrachadh a thoirt air pròiseact airson port-fànais a stèidheachadh air a' Ghàidhealtachd.

Chaidh cead-dealbhachaidh a thoirt do phròiseact Orbex faisg air Tunga ann an Dùthaich MhicAoidh bho chionn trì bliadhna agus thòisich obair togail an-uiridh.

Tha a' chompanaidh airson saidealan beaga a chur suas gu fànais bhon phort.

Dhèanadh na saidealan measadh air atharrachadh na gnàth-shìde thar ùine, agus iad còmhla comasach air sgrìoban mòra farsainn den t-saoghal a chlàradh.

Ri linn nan atharrachaidhean anns na planaichean, taobh a-muigh, bidh an làrach às am falbhadh na rocaidean gu math nas lugha na bhathas an dùil an toiseach, agus thèid rathad a ghluasad.

Thuirt oifigearan dealbhachaidh Comhairle na Gàidhealtachd nach biodh mar sin ach mun leth uimhir de mhòine air a cladhach às a' mhòintich.

Tha an talamh seo air a meas air leth cudromach agus i a' stòradh CO2.

Bhathas a' moladh do buill Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Tuath gabhail ris na h-atharraichean aig coinneimh Dimàirt, taobh a-muigh agus 's e sin a rinn iad.

Chan e seo an aon phròiseact airson port-fànais a stèidheachadh ann an Alba, agus pròiseactan a' dol ann an Uibhist agus Sealtainn cuideachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo