
An rocaid 'Prime'
Tha a' chompanaidh Orbex air cur a-steach airson cead na ciad rocaidean fànais a chur dhan iarmailt à Cataibh.
Chaidh iarrtas gu Ùghdarras na h-Itealanachd Shìobhalta (CAA) san Rìoghachd Aonaichte airson cead fhaighinn rocaidean 'Prime' a losgadh dhan adhar.
Seo an ceum as ùire ann a bhith a' tòiseachadh air tursan fànais coimearsalta san Rìoghachd Aonaichte - ceum nas fhaisge air rocaidean fhaicinn a' falbh bhon phort-fànais ann an Cataibh.
Tha a' chompanaidh Orbex mu thràth air coinneamhan a chumail mun iarrtas aca leis an CAA, riaghladair ùr fànais na dùthcha.
'S e Port-fànais Chataibh a' chiad fhear a tha air cead dealbhachaidh slàn fhaighinn gu ruige seo ged a tha tuilleadh san amharc, fear an Uibhist a Tuath nam measg.
Deuchainn
Thèid deuchainn a dhèanamh air an rocaid 'Prime' aig làraich ann an Ceann Lois faisg air prìomh-oifis Orbex ann am Farrais.
'S e lòinsear beag a th' ann am 'Prime' a tha air a dhealbhachadh airson saidealan beaga suas ri 150cg de chuideam a tharraing.
Thathar an dùil gur e seo an rocaid fànais as neo-chronail dhan àrainneachd le suas ri 96% nas lugha de charbon na rocaidean eile.
Thuirt Chris Larmour, Àrd-oifigear Orbex:
"'S e ceum mhòr air adhart dhuinn a tha san iarrtas seo".
"'S e pròiseas mionaideach a th' ann le fòcas làidir air sàbhailteachd. Tha sgioba mhòr air a bhith an sàs san obair rannsachaidh a bha a dhìth airson an iarrtas seo a chur a-staigh."
"Tha sinn a' coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ri Ùghdarras na h-Itealanachd Shìobhalta thairis air na mìosan a tha romhainn fhads a tha iad a' sgrùdadh ar iarrtais," thuirt Mgr Larmour.
Tha dùil gun tòisich obair togail air port-fànais Chataibh nas fhaide air a' bhliadhna.