Planaichean atharraichte 'son port-fànais an Cataibh fo sgrùdadh

Dreach den phort-fhànais a tha san amharcTùs an deilbh, ORBEX
  • Air fhoillseachadh

Beachdachaidh comhairlichean air atharrachaidhean ri na planaichean airson port-fànais a stèidheachadh air a' Ghàidhealtachd.

Chaidh cead-dealbhachaidh a thoirt airson an leasachaidh ann an Rubha na Mòine ann an Cataibh bho chionn trì bliadhna, agus thòisich an obair togail an-uiridh.

Fo na planaichean ùra bhiodh clàr agus ionad losgaidh nas lugha ann, agus slighe ùr ann don rathad chun nan goireasan seach a thogail far a bheil a' mhòine domhain.

Thuirt luchd-planaidh Comhairle na Gàidhealtachd gum biodh na h-atharrachaidhean a' ciallachadh nach fheumadh a thoirt às ach beagan na an dàrna leth den mhòine.

Tha an talamh seo air a mheas air leth cudromach agus e a' stòradh CO2.

Chaidh iarraidh air comhairlichean Gàidhealach aontachadh ris na planaichean ùra.

Ann an aithisg, thuirt oifigich gum b' urrainn na dh'fheumas a bhith air a chladhach de mhòine a lùghdachadh bho 24,046 meatair ciùbach gu 9,895 meatair ciùbach.

Thathar a' moladh gun gabhadh am port-fànais a chleachdadh airson saidealan beaga a chur chun nan speuran, feadhainn a bhiodh a' sgrùdadh mar a tha a' ghnàth-aimsir ag atharrachadh nam measg.

Tha molaidhean ann airson phròiseactan eile de leithid ann an Unst ann an Sealtainn agus ann an Uibhist a Tuath sna h-Eileanan an Iar.