"Gnìomh a dhìth" a thaobh dèiligeadh ri teintean fiadhaich, a rèir BhPA

Smàladair a' dèiligeadh ri teine sa mhòintichTùs an deilbh, RSPB na h-Alba
  • Air fhoillseachadh

Tha feum air gnìomh an dèidh fhaclan a thaobh dèiligeadh ri teintean fiadhaich an Alba, a rèir fhir de Bhuill-Phàrlamaid na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Bha am BPA Roinneil Tòraidheach Tim Eagle a' bruidhinn an dèidh do dh'Àrd-Oifigear Smàlaidh na h-Alba, Stiùbhart Stevens, iarraidh gum bi còmhradh nàiseanta ann mu bhith a' dèiligeadh ris a' chunnart.

Ann an litir fhosgailte, dh'iarr Mgr Stevens air an riaghaltas, manaidsearan fearainn, gnothachasan agus coimhearsnachdan tighinn còmhla air a' chùis.

Seo an dèidh droch theine ann an sgìre a' Ghlinne Mhòir de Phàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh a bha a' gabhail airson cha mhòr còig seachdainnean.

Anns an litir fhosgailte, thuirt an t-Àrd-Oifigear Smàlaidh: "Chan eil e gu leòr tuilleadh a bhith a' coimhead ri teine fiadhaich mar thachartas a dh'fheumas a bhith air a làimhseachadh an dèidh dha tòiseachadh. 'S e an t-àm cur na aghaidh, mus fhaicear toit san adhar.

"Ma tha sinn da-rìribh mu bhith a' cur dìon air beatha, beòshlaint, bun-structar, ar n-àrainneachd nàdarra agus seasmhachd an nàisein againn, feumaidh sinn gluasad a-niste - còmhla, le adhbhar, agus le gealltanas san ùine fhada gu seachnadh a thuilleadh air freagairt."

Tha uidheamachd fhreagarrach a bhith suidhichte far as motha a tha feum air na phàirt den fhreagairt a tha a dhìth, thuirt e.

"Tron Ro-innleachd Theintean Fiadhaich againn agus Ath-sgrùdadh nas fharsainne air Lìbhrigeadh Seirbheis, tha sinn a' cumail oirnn a' leasachadh nan sgilean, na h-uidheamachd, na comhairle speisealta agus gnothaichean obrachail a tha a dhìth airson freagairt shàbhailte, èifeachdach a thoirt.

"Tha seo a' toirt a-steach goireasan ann an àiteachan ro-innleachdail, uidheamachd speisealta, comhairlich thactaigeach agus taic bheairtichte do sgioannan a tha ag obair ann an àrainneachdan dùthchail agus iomallach."

Atharrachaidhean

Tha Mgr Eagle ag ràdh gur e ceum mòr dha-rìribh a th' anns an litir fhosgailte, ach gu bheil atharrachadh susbainteach a dhìth anns an dòigh sa bheil goireasan gan stèidheachadh, agus càite airson an cothrom as fheàrr a thoirt do smàladairean teintean a chur às.

"Chan urrainn a dhol às àicheadh gu bheil atharrachaidhean a thug an riaghaltas air cùisean air gnothaichean air an talamh a dhèanamh nas miosa," thuirt Mgr Eagle.

"Le sin, tha sinn a' bruidhinn air na th' ann de stuth a loisgeas, 's co-dhiù bu chòir dhuinn a bhith a' cleachdadh fhalaisgearan.

"Tha e a' leantainn san litir gu bhith a' bruidhinn mu uidheamachd ann an àiteachan ro-innleachdail

"'S e a tha na adhbhar dhragh dhomhsa, ma tha thu a' bruidhinn air uidheamachd ann an àiteachan ro-innleachdail - chan e stèisean smàlaidh speisealta airson teintean fiadhaich a th' ann an Stèisean Smàlaidh na h-Aghaidh Mòire - ach sin fear de na prìomh àiteachan ann an Alba far an tachair teine fiadhaich.

"'S mar sin chan eil thu air sin a chur an àite. Dè tha thu a' bruidhinn mu dheidhinn a thaobh an fhreagairt iomchaidh sin?

Thuirt Rùnaire a' Cheartais, Neil Gray, gu bheil Riaghaltas na h-Alba a' gabhail a h-uile ceum a ghabhas airson dèiligeadh ris a' chunnart a th' ann bho theintean fiadhaich, 's gur e sin as coireach gun do choimiseanaich e ath-sgrùdadh air Plana Gnìomha Ro-innleachdail nan Teintean Fiadhaich.

Chaidh innse Dimàirt gu bheil teine fiadhaich ùr a' dol aig Hopeman ann am Moireibh, le sia carbadan smàlaidh an làthair.