Dòchas gun cuidich an t-uisge teine sa Mhonadh Ruadh a chur às

- Air fhoillseachadh
Thathar an dòchas gum bi an t-uisge mòr na chuidheachadh do luchd-smàlaidh a th' air a bhith a' strì ri teine fiadhaich san Mhonadh Ruadh airson cola-deug.
Tha mu 70 smàladairean agus naoi carbadan-smàlaidh fhathast air an làraich, 13 là an dèidh dha tòiseachadh.
Tha e air timcheall air 10 mìle ceàrnagach de dh'fhearann a losgadh, agus b' fheudar cuid ann an Drochaid Neithich an dachaighean fhàgail air an deireadh-sheachdain a chaidh.
Thuirt Sandy McCook, cathraiche Comhairle Coimhearsnachd Drochaid Neithich, gun robh iad an dòchas gun dèanadh an t-uisge a thòisich oidhche Luain "diofar mòr".
Thuirt Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh (CNPA) gun robh iad a' dèanamh adhartais ann an bhith a' faighinn smachd air an teine, ach thuirt iad gun leanadh heileacoptairean Dimàirt a' dòrtadh bùirn air na làraichean as miosa.
Thuirt CNPA gum bu chòir do dhaoine gun a dhol dhan Ghleann Mhòr, Obar Neithich agus Loch Mùrlaig leis gun robh an iomairt smàlaidh a' fàgail nan sgìrean sin cunnartach don phoball.

Ìomhaigh saideil de na sgìrean far an robh an teine a' gabhail a thogadh Diluain
Thog saideal HotSat-2 aig SatVu ìomhaigh den teine fhiadhaich aig 04:39m Diluain.
Thuirt SatVu gun do sheall an dealbh mar a bha an teine a' gluasad gu tuath ann an Tèarmann Nàdair Obar Neithich, tè de na sgìrean a bu mhotha air an tug an suidheachadh buaidh.

Ìomhaigh a thog Steve Kenyon Roberts bho Chluba Glaididh Oir Dhè Dihaoine
Tha speil de shìde thioraim ghaothmhoir air cùisean a dhèanamh na bu dùbhlanaiche do luchd-smàlaidh agus saor-thoilich a th' air a bhith a' strì ris an teine air na monaidhean agus coilltean.
Thuirt CNPA gun do dh'innis Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba (SFRS) oidhche Luain nach robh na h-uimhir de lasairean rim faicinn, ach thug iad rabhadh gun robh tòrr talmhainn fhathast na smàl.
Thuirt ùghdarras na pàirce gun robh an teine a' gabhail fhathast domhain sa mhòine.
Thòisich an teine faisg air baile a' Ghlinne Mhòire, faisg air an Aghaidh Mhòir, air an 15mh den Iuchar agus bha e cho dona agus gun robh aig daoine ri falbh às an dachaighean agus làraichean-campachaidh.
Aig àirde, bha còrr agus 500 smàladair an sàs san iomairt agus ghairm Poileas Alba "mòr-thachartas" Dihaoine.
Rabhadh fuireach air falbh bho theine sa Mhonadh Ruadh
- Air fhoillseachadhBho chionn 4 làithean
Iomairt a' leantainn an aghaidh teine sa Mhonadh Ruadh
- Air fhoillseachadh17 An t-Iuchar
Muinntir a' Ghlinne Mhòir fhathast a' feitheamh fios mu thilleadh dhachaigh
- Air fhoillseachadh20 An t-Iuchar
Tha cuid de bhuidhnean ionadail air càineadh a dhèanamh air ministearan airson agus nach do rinn iad gu leòr luath gu leòr gus dèiligeadh ris an teine.
Chaidh Rùnaire a' Cheartais às àicheadh Diluain gun robh iad a' feuchainn ri buaireadh poileataigeach adhbharachadh le bhith a' diùltadh taic airm a chaidh a thabhann orra.
Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gun toireadh iad seachad heileacoptairean airm airson cuideachadh le bhith a' togail stuth thruim, cho math ri taic bho shaighdearan air an talamh.
Ach thuirt Niall Gray nach b' urrainn dhaibh "iarrtas sònraichte" airson heileacoptairean a dhòrtadh uisge a choileanadh agus gun robh a h-uile càil a dh'fheumadh luchd-smàlaidh air a' ghrunnd aca.