Cead tilleadh dhachaigh do mhuinntir Dhrochaid Neithich

- Air fhoillseachadh
Thugadh cead do na daoine a chaidh a ghluasad a-mach às na taighean aca air a' Ghàidhealtachd mar thoradh air teine fiadhaich am beanntan a' Mhonaidh Ruaidh tilleadh dhachaigh.
B' fheudar do na daoine ann an Drochaid Neithich an dachaighean fhàgail às dèidh do na poilis suidheachadh èiginn a ghairm.
Ach thuirt Poileas Alba oidhche Shathairne nach robh an teine fiadhaich air a mheasadh mar mhòr-thachartas tuilleadh.
Thuirt an Supt Judy Hill "nach robh cunnart èiginneach ann tuilleadh a thug air na daoine ann an Drochaid Neithich an taighean fhàgail."
Thug ise taing dhan luchd-smàlaidh, geamaireach, cùmnantaichean agus com-pàirtichean a thug taic dhaibh thairis air 24 uairean de thìde.
Rinn am Prìomh Mhinistear, Iain Swinney, moladh air na daoine a tha air a bhith an sàs airson smachd fhaighinn air an teine.
Rabhadh fuireach air falbh bho theine sa Mhonadh Ruadh
- Air fhoillseachadhBho chionn 2 làithean
Iomairt a' leantainn an aghaidh teine sa Mhonadh Ruadh
- Air fhoillseachadh17 An t-Iuchar
Muinntir a' Ghlinne Mhòir fhathast a' feitheamh fios mu thilleadh dhachaigh
- Air fhoillseachadhBho chionn 6 làithean
Tha an teine ann an Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh air a bhith a' dol airson 10 la.
Tha heileacoptairean air a bhith a' dòrtadh uisge air an teine agus tha drònaichean air a bhith gan cleachdadh airson innse do na smàladairean mar a tha an teine a' gluasad.
Tha meud 1,748 mìle am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh agus tha e a' toirt a-steach còig ùghdarrasan ionadail - Siorrachd Obair Dheathain, Machair Aonghais, A' Ghàidhealtachd, Moireibh agus Peairt is Cinn Rois.