A' Ghàidhlig is saidheans a' tighinn còmhla 'son eisirean a thilleadh gu costa an iar na h-Alba

- Air fhoillseachadh
Tha co-obrachadh eadar eòlaichean cànain agus luchd-saidheans gus barrachd eisirean a thilleadh gu costa siar na h-Alba stèidhichte air ainmean-àite Gàidhlig air ceum eile a ghabhail.
Bha luchd-rannsachaidh bho ghrunn roinnean aig Oilthigh Ghlaschu - Saidheans-mara, Foghlam agus Ceilteis is Gàidhlig - a' coimhead air ainmean-àite a tha a' comharrachadh far a bheil neo far an robh eisirean uair pailt.
Thuirt an t-òraidiche Gàidhlig, Gillebrìghde MacGilleMhaoil: "Thàinig eòlas nan ainmean-àite agus an t-eòlas a th' againn air saidheans an là an-diugh còmhla gus cuid de na làraichean sin fhaighinn."
Thathar an dòchas gun gabh eisirean a thilleadh dha na sgìrean sin agus 's e an ath ìre den obair eisirean dùthchasach fhàs aig ionad-àraich an Eilean Chumaradh an Abhainn Chluaidh.

Chleachd Gillebrìghde MacGilleMhaoil an t-eòlas cànain aige airson làraichean a chomharrachadh
Cha do lorg iad an toiseach ach trì ainmean-àite sa bheil am facal eisir a' nochdadh - Eilean nan Eisirean agus Àird nan Eisirean ann am Muile agus Sgeir nan Eisirean ann an Leòdhas.
An uairsin, chleachd iad facail eile airson a chur ris an liosta.
Mhìnich Mgr MacGilleMhaoil: "Bha sinn a' coimhead air ainmean-àite leithid oitir, dòirlinn agus eisir, Eilean nan Eisirean, agus mar sin air aghaidh airson faicinn a rèir nan ainmean-àite am biodh làraichean ann."
Bhruidhinn iad cuideachd ri daoine aig a bheil cuimhne air àitichean far a b' àbhaist eisirean a bhith a' fàs.

Tha an Dr Anna NicGriogair an dòchas barrachd ionnsachadh mu dè as coireach gun tàinig lùghdachadh air na tha de dh'eisirean air a' chost an iar
Chan e a-mhain gun gabh an ithe, tha eisirean cuideachd gu buannachd na h-àrainneachd gu h-àraid aison dèiligeadh ri crìonadh a' chladaich.
Thuirt an Dr Anna NicGriogair, Àrd-òraidiche aig Sgoil Bith-iomadachd is Leigheas Bheathaichean aig Oilthigh Ghlaschu: "Leis gu bheil an dà shlige dùinte cho teann tha leabaidh eisirean a' cruthachadh cladach nas seasmhaiche."
Tha i ag ràdh gu bheil iad cuideachd cudromach a thaobh a bhith a' glanadh nan uisgeachan sa bheil iad a' fàs.
Nì iad rannsachadh aig an ionad-àraich ann an Cumaradh feuch dè a bu choireach gun tàinig crìonadh air na th' ann den mhaorach.
Thuirt an Dr NicGriogair: "'S urrainn smachd a bhith againn air teas an uisge, agus an àrainneachd agus faighinn a-mach carson, agus cuin agus ciamar a tha iad a' gineadh agus a' dèanamh ceangal ri grunnd na mara."

Tha an luchd-rannsachaidh airson an t-eòlas bhon àm a dh'fhalbh a chleachdadh airson fàs a thoirt air na tha de dh'eisirean air a' chost an iar agus gus an gabh buain ann an dòigh sheasmhach.
Tha iad an dòchas maoineachadh fhaighinn agus a bhith ag obair le buidhnean eile le ùidh sa phròiseact feuch ionadan-àraich beaga a stèidheachadh am Muile agus Ìle.
Mar phàirt de sgaoileadh an fhiosrachaidh sin, chaidh iarraidh air Gillebrìghde MacGilleMhaoil òran a dhèanamh mu eachdraidh gnìomhachas nan eisirean ann an Alba.
Chaidh Òran nan Eisirean a thaghadh leis a' Chomunn Ghàidhealach airson a bhith air a thaisbeanadh aig Mòd na bliadhna-sa ann an Glaschu ann an Co-fharpais Mhairead NicDhonnchaidh.