Obair deiseil air goireas "aig fìor àrd-ìre" aig Comunn Eachdraidh Nis

A' Bhùth ùr aig Comunn Eachdraidh Nis Tùs an deilbh, Comunn Eachdraidh Nis
  • Air fhoillseachadh

Thuirt Cathraiche Chomunn Eachdraidh Nis gu bheil iad air an dòigh le obair-leasachaidh aig dachaigh na buidhne a tha a-nise deiseil.

Tha obair air a bhith a' dol anns na mìosan mu dheireadh air pròiseact luach £337,763 gus leasachadh a dhèanamh air taobh a-staigh an togalaich ann an Cros.

'S e an togalach seann Sgoil Chrois.

Ghabh Comunn Eachdraidh Nis sealbh air às dèidh dhan sgoil dùnadh ann an 2011 is chaidh obair-leasachaidh mhòr a dhèanamh air mar-tha.

Fo na leasachaidhean ùra, tha a-nise bùth nas motha air làrach ùr, cho math ri bòrd-fàilteachaidh ùr.

Chaidh pàirt den chafaidh ath-dhealbhachadh is CEN ag ràdh gun toir seo dhaibh barrachd shùbailteachd.

A thuilleadh air sin, tha a-nise rampa seach steapaichean aig a' prìomh dhoras is a' bhuidheann ag ràdh gu bheil an togalach gu lèir a-nise nas goireasaiche do dhaoine ciorramach.

Gailearaidh dhealbhanLeum seachad air gailearaidh dhealbhanDuilleag1 de 4, Bùird aig Comunn Eachdraidh Nis ,

Thàinig taic-airgid bho Riaghaltas na h-Alba, HIE, is Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte.

'S e a' chompanaidh BARD a bha nan ailtearan air a' phròiseact.

Bha Ruairidh Moir bhon chompanaidh roimhe air duais fhaighinn 'son obair air a' chiad ìre de dh'obair-leasachaidh aig CEN.

Thuirt Mgr Moir gur e tlachd a bh' ann tilleadh gu Comunn Eachdraidh Nis is gun deach "cruth-atharrachadh" a thoirt air an togalach.

"Bidh buannachd ann dhan choimhearsnachd agus luchd-tadhail ri chèile, is nì seo feum mòr dha buidhinn a tha air tòrr dhaoine a chuideachadh," thuirt e.

"Tha sinn cho moiteil às an obair aig togalach seann Sgoil Chrois".

'S e a' chompanaidh ionadail O'Mac a rinn an obair fhèin.

Fhad 's a bha an obair sin a' dol, bha cuideachd pròiseact eile luach £126,908 aig CEN le taic bho Thaighean-tasgaidh is Gailearaidhean na h-Alba 'son an cuideachadh leis a' bhùth aca a leasachadh.

Chaidh obair ùr a chruthachadh is farsaingeachd de rudan ùra gan reic sa bhùth, le dùil gun cuidich seo gus suidheachadh ionmhais CEN san fharsaingeachd a neartachadh.

Rinn Cathraiche Chomunn Eachdraidh Nis moladh air a h-uile duine a bha an sàs anns na leasachaidhean is thug e taing dhan choimhearsachd airson an cuid foighidinn fhad 's a bha an obair a' dol air adhart.

"An ath-bhliadhna bidh Comunn Eachdraidh Nis 50 bliadhna a dh'aois," thuirt Roddy John Caimbeul.

"Tha mòran dhaoine air cur ri soirbheachas na buidhne thairis air na bliadhnaichean, is bu chòir dhan a h-uile duine aca a bhith air leth moiteil gun robh nam pàirt den turas a bh' againn gu ruige an rud a th' againn, goireas aig fìor àrd-ìre dhan choimhearsnachd agus do luchd-tadhail".