
Shoirbhich le Comunn Eachdraidh Nis aig Duaisean Chomann Ailtireachd na Gàidhealtachd 's nan Eilean.
'S e "Dèanamh Àite" an t-ainm a th' air an duais a choisinn dachaigh na buidhne.
Tha an duais seo air a toirt seachad son: "Togalaichean san raon phoblach a chuireas ri càileachd àite sam bith agus/no a' cruthachadh mothachadh air 'àite.'"
Tha Comunn Eachdraidh Nis stèidhichte san togalach a bh' aig Sgoil Chrois san sgìre agus 's e a' chompanaidh a rinn an obair-leasachaidh air, Bàrd Ailteir, a chuir an togalach air adhart 'son duais.
Coimhearsnachd
Bha an Comunn Eachdraidh air obrachadh le Bàrd Ailteir is prionnsabal na companaidh, Ruairidh Moir, gus na planaichean a thoirt gu buil.
Rinn na britheamhan moladh mòr air an togalach is iad ag ràdh gun deach cur ris na bh' ann bho thùs ann an dòigh chruthachail agus le urram gus "àite blàth coimhearsnachd" a stèidheachadh.
'S iad an Comunn Eachdraidh a bha air an dòigh leis an naidheachd.
"Dhuinne 's e sin an seòrsa chomas a th' againn aig a' Chomunn Eachdraidh, bidh sinn a' feuchainn ri àite a dhèanamh dhan choimhearsnachd agus tha sinn gu math toilichte gun d'fhuair sinn seo", dh'innis oifigear an leasachaidh sheasmhaich aig Comunn Eachdraidh Nis, Donnchadh MacFhionghain.
Àireannachd
"Tha thu fhathast a' faicinn an t-seann togalaich. Tha pìos air a chur ri aghaidh an togalaich a tha ùr is tha thu a' faicinn gu bheil i ùr, ach cuideachd thog iad pìos le breigichean dearga, an aon rud ris an taigh-sholais sìos an rathad.
"Bha iad a' smaoineachadh air an àrainneachd is bha iad a' smaoineachadh air an àite timcheall air", thuirt e.
Fhuair Bàrd Ailteir duais eile cuideachd is iad a' soirbheachadh ann an roinn na Pròiseict Bige 'son 'Taigh Bainne, taobh a-muigh' ann an Èirisgeigh.
Bha aithne ann cuideachd do dh'Urras Oighreachd Ghabhsainn is an dachaigh ùr acasan air moladh fhaighinn a thaobh nan togalaichean ùra as fheàrr.