Obair ùr gus tòiseachadh aig Comunn Eachdraidh Nis

Fhuair an t-ailtire a rinn a' chiad obair leasachaidh duais airson a chuid obrach air seann Sgoil Chrois
- Air fhoillseachadh
Dh'innis Comunn Eachdraidh Nis gu bheil an obair airson an tuilleadh obrach leasachaidh a dhèanamh taobh a-staigh an togalaich aca ann an Cros an ìmpis tòiseachadh.
'S ann bho Phrògram nan Eilean aig Riaghaltas na h-Alba a fhuair a' bhuidheann am maoineachadh luach £100,000 air a shon.
Bidh bùth nas motha aca air làrach ùr, bòrd-fàilteachaidh ùr, agus thèid pìos den àite-bìdh a dhèanamh na àite fa leth a bheir dhaibh barrachd sùbailteachd a thaobh mar a ghabhas an seòmar mòr a chleachdadh.
Tha an Comunn Eachdraidh a' tabhann leisgeul airson mar a bheir an obair buaidh air luchd-cleachdaidh a' ghoireis.
Bidh an t-àite-bidh air a ghluasad don taigh-tasgaidh fhad 's a tha an obair a' dol air adhart le clàr-bìdh ùr agus uairean fosglaidh nas giorra eadar-amail.
Cha bhi e comasach ach do chlubaichean a thig ann gu cunbhalach agus cruinneachaidhean tiodhlacaidh bùird a bhucadh.
Leasachadh aig Comunn Eachdraidh Nis
- Air fhoillseachadh5 Am Màrt 2018
Togalach ùr Chomuinn Eachdraidh Nis fosgailte
- Air fhoillseachadh8 An Lùnastal 2019
Thàinig cruth-atharrachadh air togalach seann Sgoil Chrois on ghabh an Comunn Eachdraidh smachd air bho chionn còrr is 10 bliadhna.
Tha e air a dhol bho bhith na thogalach falamh gu àite-cruinneachaidh do luchd-còmhnaidh is luchd-tadhail le àite-bìdh, bùth, tasglann agus taisbeanadh.
"Tha Comunn Eachdraidh Nis a' dèanamh obair riatanaich sa choimhearsnachd," am beachd a' Chomhairliche Dòmhnall Crichton, Cathraiche Comataidh an Leasachaidh Mhaireannaiche aig Comhairle nan Eilean Siar.
"Tha sinn air ar dòigh gun deach aithne a thoirt don amas aca an togalach agus na seirbheisean a tha iad a' toirt seachad a leasachadh."
Fhuair an t-ailtire Ruairidh Moir à Tolastadh fo Thuath an cùmhnant airson na h-obrach dealbhachaidh. 'S e a rinn a' chiad obair leasachaidh a choisinn duais dha.
'S e a' chompanaidh ionadail O'Mac a nì an obair togail.
Tha dùil gum bi an obair deiseil ro dheireadh a' Chèitein.