Naidheachdan 11:00m

Peinsean na Stàite

Tha coltas gum bi cha mhòr £500 a bharrachd ann am peinsean na Stàite bhon Ghiblean an ath-bhliadhna, ga thoirt gu còrr is £13,000 sa bhliadhna agus os cionn na starsaich 'son cis teachd a-steach. Fo ghealltanas 'triple-lock' tha peinsean a' dol suas a rèir 's dè as motha, atmhorachd aig 2.5%' no fàs ann an tuarastal a bha aig 3.9% na trì mìosan dhan Iuchar. Dhiùlt ministear caibineit dearbhadh am bi peinseanairean saor bho chìs teachd a-steach mar a gheall an riaghaltas ron seo.

Cion Cosnaidh

Dh'èirich cion a' chosnaidh ann an Alba sna trì mìosan mu dheireadh 's e fhathast os cionn ìre na Rìoghachd Aonaichte air fad. Dh'innis Oifis nan Staitistig Nàiseanta gun robh an ire an Alba do dh'fheadhainn 16 agus nas sine aig 5.1% eadar an Cèitean agus an t-Iuchar. Bha sin 0.6% nas motha na bha sna trì mìosan ron sin agus os cionn ire na Rìoghachd Aonaichte air fad aig 4.9%.

An Cuan a Tuath

Tha aithisg bhon bhuidhinn ghnìomhachais, Offshore Energies UK, ag ràdh gum faodadh dàrna leth na h-ola 's a' ghas a tha a dhìth air an Rìoghachd Aonaichte tighinn às a' Chuan a Tuath nan cuireadh an riaghaltas tuilleadh taic ris. Thuirt buidhnean iomairt na h-arainneachd nach eil anns na figearan ach "fanatsachd". Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gu bheil iad ag ullachadh plana sheasmhaich 'son airgead a tharraing dhan ghnìomhachas agus taic do chosnaidhean.

Fòirneart san Dachaigh

Tha dùil ri fios bhon Phrìomh Mhinistear, John Swinney, an-diugh mu phlana 'son dèiligeadh ri fòirneart san dachaigh aig deasbad aig Holyrood feasgar. Tha beachd ann gun cuir e stòras maireannach de £2m ris an sgeama 'Fund To Leave' a tha a' toirt taic do bhoireannaich 's do chloinn a tha a' teicheadh bho fhòirneart no cunnart san dachaigh.

Falaisgearan

Tha còd ceadachd airson falaisgearan a' tighinn gu bith ann an Alba an-diugh fo am feum croitearan, tuathanaich no oighreachd sam bith a th' airson falaisgear a dhèanamh iarrtas a chur gu NàdarAlba agus ma gheibh iad cead cumail an uair sin ri còd nam falaisgearan fhad 's a tha iad a' dèanamh na h-obrach. Ach tha dragh air Aonadh nan Tuathanach gun cuir an lagh ùr maill air an obair sin, agus gum bi teineachan nas miosa ann, gun smachd orra.