Ceò bhon teine sa Mhonadh Ruadh ri fhaicinn an Obair Dheathain - 59 mìltean air falbh

Teine fiadhaich sa Mhonadh Ruadh le cuideigin a' seasamh a' coimhead ris agus seacaid bhuidhe orra
Fo-thiotal an deilbh,

Dh'fhàg mar a dh'atharraich àird na gaoithe oidhche Aordaoin gun do bheòthaich an teine às ùr

  • Air fhoillseachadh

Tha ceò bho theine fiadhaich am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh ri fhaicinn 59 mìltean air falbh ann an Obair Dheathain an dèidh mar a dh'atharraich a' ghaoth.

Thuirt Buidheann Rìoghail Dìon nan Eunlaith an Alba (RSPB) gun robh an suidheachadh "leth dona" uair eile aig tèarmann Obar Neithich aca, an dèidh mar a dh'atharraich a' ghaoth air an deicheamh là on thòisich an teine.

Thuirt Seirbheis Teasairginn agus Smàlaidh na h-Alba (SFRS) gum faodadh gum faiceadh luchd-còmhnaidh ceò neo gum faigheadh iad fàileadh dheth sear air an Aghaidh Mhòir, am pàirtean de Shiorrachd Obair Dheathain agus cho fada air falbh ri baile Obair Dheathain, Dihaoine agus a-staigh dhan deireadh-sheachdain.

Tha iad a' toirt comhairle dhaibh uinneagan agus dorsan a chumail dùinte.

Tha luchd-smàlaidh ag ràdh gu bheil brisidhean-teine mòra gan cuideachadh gus smachd fhaighinn air an teine.

Thuirt an SFRS gun deach feadhainn na mìltean de dh'fhaid a chruthachadh mar oidhirp stad a chur air sgapadh an teine, agus gun robh drònaichean a' stiùireadh smàladairean dha na làraichean as miosa.

Teine fiadhaich sa Mhonadh Ruadh
Fo-thiotal an deilbh,

Bheòthaich an teine às ùr oidhche Aordaoin ann an sgìre Obar Neithich

Tha còrr air 100 smàladair air a bhith a' strì ris an teine a thòisich faisg air Ruighe a' Bhothain, deas air Drochaid Neithich, Diciadain a chaidh.

Tha 11 carbadan-smàlaidh fhathast air an làraich.

Thuirt iar-leas-àrd-oifigear an SFRS Michael Humphreys gun deach adhartas a dhèanamh ach gun robh an suidheachadh fhathast "beòthail".

"Tha an Aghaidh Mhòr fhathast fosgailte do dhaoine ach tha sgìre thoirmisgte againn an sàs timcheall air far a bheil sinn ag obair," thuirt e.

Thuirt Mgr Humphreys gun deach an talamh far a bheil an teine a roinn ann an dà sgìre, siar agus sear.

Leag luchd-smàlaidh agus luchd-obrach na h-oighreachd craobhan agus gheàrr iad lusan eile airson briseadh-teine 4km air an taobh siar a chruthachadh agus fear 1.9km de dh'fhaid air an taobh sear.

"Mar sin, ma sgapas teine dha na sgìrean sin chan eil connadh tuilleadh air a shon," thuirt e.

Teine fiadhaich sa Mhonadh Ruadh
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh brisidhean-teine a chleachdadh mar oidhirp stad a chur air sgapadh an teine

Tha heileacoptairean air a bhith a' dòrtadh uisge air an teine agus tha drònaichean air a bhith gan cleachdadh airson innse do na smàladairean mar a tha an teine a' gluasad.

A dh'aindeoin agus gu bheil rathaidean dùinte le soidhnichean poilis ann, tha na seirbheisean èiginn fhathast a' faighinn aithrisean gu bheil daoine a' feuchainn ri tadhal air sgìre an teine.

Dh'iarr Mgr Humphreys air a' phoball feairt a thoirt air na rabhaidhean agus slighean eile a ghabhail.

Ceò ag èirigh bhon teine fhiadhaich sa Mhonadh Ruadh

Thuirt RSPB na h-Alba gun robh iad air a bhith "ag obair gun abhsadh" an aghaidh an teine.

Thuirt neach-labhairt nach robh càil a dh'fhios dè a bhuaidh a bhiodh ann an dèidh àird na gaoithe atharrachadh air Tèarmann Obar Neithich.

"Tha an suidheachadh dona agus tha aire luchd-obrach, saor-thoilich agus buidhnean eile air na 's urrainn dhaibh a dhèanamh gus taic a chumail ri Seirbheis Teasairginn agus Smàlaidh na h-Alba a tha a' co-òrdanachadh na h-iomairt."

Thuirt iad gun robh e ro thràth fios a bhith aca air buaidh an teine air coilltean-giuthais agus air fiadh-bheatha.

Sandy McCook
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt Sandy McCook gun tug an teine buaidh mhòr air a' choimhearsnachd ann an Neithich

Thuirt Sandy McCook, cathraiche Comhairle Coimhearsnachd Neithich, gum faca esan "teine mòr ga bheòthachadh às ùr" san sgìre oidhche Aordaoin.

Dh'innis e do Naidheachdan a' BhBC: "Thug e buaidh mhòr air daoine sa bhaile. Tha daoine iomaigeanach.

"Chan eil fhios aca dè tha a' tachairt gu h-àraidh nuair a tha iad a' faicinn aon rud air an talamh agus a' cluinntinn teachdaireachd eadar-dhealaichte bho na buidhnean.

"Tha sinn an dòchas gun socraich a' ghaoth agus gun tig uisge gu leòr sna beagan làithean ri thighinn airson cùisean atharrachadh," thuirt e.

Tha meud 1,748 mìle am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh agus tha e a' toirt a-steach còig ùghdarrasan ionadail - Siorrachd Obair Dheathain, Machair Aonghais, A' Ghàidhealtachd, Moireibh agus Peairt is Cinn Rois.