Iomairt a' leantainn an aghaidh teine sa Mhonadh Ruadh

- Air fhoillseachadh
Tha heileacoptair air a bhith a' cuideachadh iomairt gus dèiligeadh ri teine mòr a th' air a bhith a' gabhail ann am Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh bho mhadainn Diciadain.
Tron oidhche an-raoir, leag an heileacoptair bomaichean uisge air an teine, a tha air sgapadh eadar Bealach Ruigh a' Bhothain agus Loch Gartain.
Thuirt an t-seirbheis smàlaidh gu bheil an teine "fo smachd" ach gu bheil cunnart ann fhathast.
Thòisich an teine mu 11:50m Diciadain, agus sgap e thairis air còrr air dà mhìle de dh'fhearann tioram ann an 24 uairean.

An-diugh sa mhadainn bha naoi carbadan smàlaidh aig an làraich agus iad fhathast ag obair gus an teine a chur às.
B' fheudar daoine a tha a' fuireach ann an sgìre a' Ghlinne Mhòir a thoirt às an dachannan agus à làraichean campachaidh san sgìre agus an teine gu math faisg orra.
Tha fìor rabhadh ann a thaobh teintean airson meadhan na Gàidhealtachd agus ceann a deas is taobh sear na h-Alba an sàs gu Diluain.

B'fheudar daoine a bha a' campachadh sa Ghleann Mhòr a ghluasad gu sàbhailteachd ' fhuair iad cobhair anns an Aghaidh Mhòir.
Tha Colin Simpson bho Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh ag iarraidh air a' phoball sgìre a' Ghlinne Mhòir a sheachnadh.
"Tha sinn ann an suidheachadh eadar-dhealaichte a-niste seach mar a bha o chionn beagan bhliadhnaichean," thuirt e.
"Tha cunnart ann bho theintean gu math nas trice a-niste.
"Gabhaibh a' chomhairle agus na rabhaidhean nuair a thig sibh an seo, agus aig an àm seo feuchaibh gun cum sibh air falbh bho sgìre a' Ghlinne Mhòir, oir gu follaiseach feumaidh na seirbheisean èiginneach an làn-aire a thoirt do bhith a' dèiligeadh ris an tachartas seo, 's chan fheum iadsan barrachd dhaoine a bhith mun cuairt."
Luchd-smàlaidh a' strì ri teine sa Mhonadh Ruadh
- Air fhoillseachadhBho chionn 2 latha
Thòisich casg ràitheil air teintean am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh
- Air fhoillseachadh1 An Giblean
Aig a' cheart àm tha Fear-Gairm Comhairle na Gàidhealtachd, Bill Lobban, ag iarraidh gum bi ro-innleachd nas fheàrr ann aig ìre nàiseanta airson dèiligeadh ri teintean fiadhaich.
Tha e ag ràdh gu bheil an t-àm ann co-dhùnadh a dhèanamh aig ìre an riaghaltais mu mar a làimhsichear teintean - a bhios "a' sìor thachairt" - bho seo a-mach.
"'S dòcha gu bheil an t-àm ann a-niste le blàthachadh na Cruinne 's mar sin air adhart gun robh seirbheis adhair shònraichte againn ri fhaighinn do dh'Alba air fad," thuirt e.
"Chan urrainn dhuinn leigeil le teintean tachairt mar chlach às an adhar 's a bhith a' cur dhaoine ann an cunnart 'son feuchainn ri an cur às.
"Feumaidh sinn dòigh nas èifeachdaiche."