Clàraidhean de Fhlòraidh NicNèill aig cridhe cuirm ùir

Dealbh dubh agus geal de Fhlòraidh NicNèill na seann aoise. Tha lèine gheal oirre.
Fo-thiotal an deilbh,

Choisinn Flòraidh NicNèill cliù gu h-eadar-nàiseanta airson a guth agus a dòigh-seinn

  • Air fhoillseachadh

Thèid cuirmean stèidhichte air clàraidhean de thè de shàr sheinneadairean na Gàidhlig a chumail mar phàirt de dh'fhèis Blas am-bliadhna.

Bidh na clàraidhean de Fhlòraidh NicNèill gan toirt beò ann an cuirm shònraichte, The Kalokerinos Tapes, leis an nighean aice, Maggie NicAonghais.

'S ann stèidhichte air clàraidhean a rinn am beul-aithrisiche Astràlianach, an Dtr James Kalokerinos, le Flòraidh sna 1950an agus 1960an a tha am pròiseact.

Am measg na th' anns an tasglann, tha mu 180 òran air a sheinn le Flòraidh na dachaigh ann an Dùn Èideann.

Anns a' chuirm, a chaidh a thaisbeanadh son a' chiad uair aig fèis Celtic Connections am-bliadhna, tha Maggie NicAonghais a' cur dreach ùr air na h-òrain bho na clàraidhean prìobhaideach.

Dealbh dubh is geal de Fhlòraidh NicNèill na h-òighe is i ann an taigh-suidsidh Dhùn Èideann.
Fo-thiotal an deilbh,

B' ann an Dùn Èideann a thàinig Flòraidh gu aire an t-saoghail mhòir an toiseach

Tha Flòraidh NicNèill aithnichte mar thè de na seinneadairean Gàidhlig as cudromaiche a bh' ann a-riamh agus bha buaidh mhòr aice air na ginealaichean a thàinig às a dèidh.

Rugadh i ann am Barraigh ann an 1928 agus bha i air a bogadh ann an dualchas òrain agus beul-aithris na Gàidhlig bho a h-òige.

Ghluais i a Dhùn Èideann aig 19 bliadhna a dh'aois agus fhuair i obair aig taigh-suidsidh sa bhaile.

Anns na bliadhnaichean às dèidh an Dàrna Cogaidh, thug na h-òrain agus an dòigh-seinn aice buaidh mhòr air Gàidheil a' bhaile agus air feadhainn eile a bha an sàs ann an ath-bheothachadh ceòl traidiseanta na h-Alba.

Thar nam bliadhnaichean, fhuair i aithne gu h-eadar-nàiseanta, a' nochdadh air àrd-ùrlaran agus ann an clàraidhean air feadh an t-saoghail.

Chaidh urram MBE a bhuileachadh oirre ann an 1992 mar aithnne air na rinn i airson cultar na h-Alba agus bha i am measg na ciad fheadhainn a fhuair àite ann an Talla Ghaisgeach a' Chiùil Thraidiseanta ann an 2005.

Chaochail i ann an 2015 aig aois 86.

Thuirt Calum Ailig Mac a' Mhaoilein, Àrd-oifigear Fèisean nan Gàidheal, a tha a' cur Fèis Blas air dòigh: "Tha a' chuirm seo mar uinneag air na h-òrain iongantach aig Flòraidh agus an traidisean beartach a thug i à Barraigh gu àrd-ùrlaran air feadh an t-saoghail.

"Tha e gu sònraichte iomchaidh gur i nighean Flòraidh, Maggie, a tha a' toirt na clàraidhean seo beò.

"Tha sinn fìor thoilichte a chuirm chumachdach seo a thoirt bu Blas."

Thèid na Kalokerinos Tapes a thaisbeanadh ann an Cultarlann Inbhir Nis air Diciadain an 9mh den t-Sultain agus aig Las ann am Port Rìgh air Diardaoin an 10mh den t-Sultain.