Iarrtas às ùr mu chùis Aleksandr Benga

Aleksandr BengaTùs an deilbh, Poileas Alba
  • Air fhoillseachadh

Tha poilis a tha a' rannsachadh mar a chaidh an deugaire Aleksandr Benga a dhìth à Steòrnabhagh ann an 2024 air iarraidh air daoine gun fathannan a chur air adhart air-loidhne mun chùis.

Ann am brath ag innse gu bheil an rannsachadh aca mun chùis a' leantainn, thuirt oifigearan gu bheil iad mothachail gu bheil cuid air a bhith a' cur bheachdan air adhart bho chionn ghoirid mu na thachair dha.

Thuirt an t-Àrd Inspeactair Ross McCartney bho Phoileas Alba: "Dh'iarradh sinn nach cuir daoine fathannan air adhart air-loidhne agus gun cuir iad fios thugainne an àite a bhith a' dèanamh sin.

"Bu mhath leam innse do dhaoine gun deach coimhead air an fhiosrachadh air fad a tha a' buntainn ris a' chùis, agus gu bheil sgrùdadh ga dhèanamh air fiosrachadh freagarrach sam bith."

Chaidh fios a chur air na poilis gun robh Aleksandr, a bhiodh a-niste 18, a dhìth madainn Diluain an 18mh là den t-Samhain 2024.

Chunnacas mu dheireadh e air CCTV mu 08:45m air a' mhadainn ud faisg air a' chuibhle-uisge anns a' Ghearraidh Chruaidh.

Chaidh iomairt mhòr a dhèanamh aig an àm anns an robh sgiobannan speisealta, coin agus luchd-teasairginn nam beann an sàs, le taic bho na Maoir-Chladaich agus saor-thoilich on choimhearsnachd.

Tha Aleksandr 6'2" de dh'àirde, 's e caol agus le falt goirid donn.

Thuirt an t-Inspeactair Niall Taylor: "Tha sinn a' dèanamh iarrtas às ùr airson duine sam bith nach do bhruidhinn rinn fhathast, aig a bheil fiosrachadh a dh'fhaodadh ar cuideachadh, a thighinn air adhart.

"Tha seo fhathast fìor dhuilich airson teaghlach agus caraidean Aleksandr. Tha an teaghlach taingeil dhan a h-uile duine a tha air taic a chur riutha, agus tha iad ag iarraidh prìobhaideachd."

Tha na Poilis ag iarraidh air duine sam bith le duine sam bith le fiosrachadh fios a chur thuca air an àireimh-fòna 101, a' toirt seachad na h-àireimh-cùise 0803 den 18mh là den t-Samhain, 2024.