Tagradh ùr 'son fiosrachaidh bliadhna bho chaidh Aleksandr Benga a dhìth

Aleksandr BengaTùs an deilbh, POILEAS ALBA
  • Air fhoillseachadh

Tha na Poilis ag iarraidh fiosrachaidh a-rithist air a' phoball agus bliadhna ann bho chaidh an deugaire Aleksandr Benga a dhìth ann an Steòrnabhagh.

Chaidh fios a chur air na Poilis gun robh Aleksandr, a bhiodh a-niste 17, a dhìth madainn Diluain an 18mh là den t-Samhain 2024.

Chunnacas mu dheireadh e air CCTV mu 08:45m air a' mhadainn ud faisg air a' chuibhle-uisge anns a' Ghearraidh Chruaidh.

Chaidh iomairt mhòr a dhèanamh aig an àm san robh sgiobannan speisealta, coin agus luchd-teasairginn nam beann an sàs, le taic bho na Maoir-Chladaich agus saor-thoilich on choimhearsnachd.

Tha Aleksandr 6'2" de dh'àirde, 's e caol agus le falt goirid donn.

Nuair a chunnacas mu dheireadh e bha geansaidh bhèis air agus briogais dìons dhubh, agus bha ad bhuidhe aige.

Bha e cuideachd air fhaicinn 's seacaid dhearg uime, a chaidh a lorg an dèidh làimh air Rathad Shìophort ann an Steòrnabhagh.

Aleksandr BengaTùs an deilbh, POILEAS ALBA

"Tha bliadhna ann a-niste bho chaidh Aleksandr fhaicinn mu dheireadh, agus tha sinn ag aithneachadh cho doirbh 's a tha seo fhathast dha theaghlach agus dha charaidean," thuirt an t-Inspeactair Euan Cowan.

"A dh'aindeoin rannsachaidh mhòir agus sgrùdaidhean le sgiobannan speisealta agus buidhnean compàirt an sàs, tha Aleksandr fhathast a dhìth.

"Tha sinn a' cumail oirnn a' sgrùdadh an fhiosrachaidh gu lèir a tha ri fhaighinn, agus togaidh sinn fianais ùr sam bith a thig am bàrr.

"Dh'iarrainn uair eile air duine sam bith nach do bhruidhinn ris na Poilis fhathast, no a dh'fhaodadh a bhith air fiosrachadh sam bith, beag no mòr, fios a chur oirnn. Chan eil fiosrachadh sam bith ro bheag 's dh'fhaodadh e ar cuideachadh.

"Tha teaghlach Aleksandr air an taing a chur an cèill dhaibhsan a th' air taic is cuideachadh a thabhainn thairis air a' bhliadhna mu dheireadh, agus dh'iarr iad gun toirear spèis dhan cuid phrìobhaideachd."

Faodaidh duine sam bith le fiosrachadh bruidhinn ri Poileas Alba air an àireimh-fòna 101, a' toirt seachad na h-àireimh-cùise 0803 den 18mh là den t-Samhain, 2024."