Riaghaltas na h-Alba a' coimhead air buidhnean aiseig a chur còmhla

MV Loch Seaforth
  • Air fhoillseachadh

Tha Riaghaltas na h-Alba a' coimhead air buidhnean aiseig a' chosta an iar a thoirt còmhla.

A' bruidhinn ann am Pàrlamaid na h-Alba feasgar is e' mìneachadh Prògram an Riaghaltais, thuirt am Prìomh Mhinistear gum biodh seo mar phàirt de dh'oidhirp nas fharsaing gus an aìreamh de bhuidhnean poblach a lùghdachadh.

A thaobh nan aiseagan, bhiodh e a' ciallachadh gun rachadh CalMac is CMAL a chur còmhla le dleastanas gus seirbheisean aiseig a' chosta an iar a ruith.

Thuirt Iain Swinney gum biodh Còmhdhail Alba mar phàirt den riaghaltas.

Tha gearanan air a bhith ann tric is minic fad iomadh bliadhna mu structar riaghlaidh nan aiseagan, is mar a tha dleastanasan air an roinn eadar CalMac, CMAL is Còmhdhail Alba.

Bha seann Rùnaire na Còmhdhail, Fiona Hyslop, air a ràdh an-uiridh gun robh an riaghaltas fosgailte ri coimhead air structar nan aiseagan às ùr, is gur dòcha gun robh cothrom a' tighinn às dèidh dhaibh cùmhnant ùr nan aiseagan a thoirt gu dìreach gu CalMac is air grunn aiseagan ùra a choimiseanadh.

A thuilleadh air coimhead air buidheann ùr aiseig a stèidheachadh, thuirt Mgr Swinney cuideachd Dimàirt gun coimhead an riaghaltas air roghainnean eile gus coimhearsnachdan a chuideachadh a thaobh aiseagan.

Cha robh mìneachadh ann ge-tà, air dè dìreach a bhiodh annta, no dè an clàr-ama a bhiodh aig an riaghaltas airson nan atharraichean seo a thoirt gu buil.