Dàibhearan an sàs san iomairt 'son lorg fhaighinn air deugaire a tha a dhìth an Leòdhas

- Air fhoillseachadh
Chuir na Poilis stad air carbadan agus luchd-coise madainn Diluain mar phàirt den iomairt aca lorg fhaighinn air deugaire à Steòrnabhagh.
Tha seachdain ann bho chaidh Aleksandr Benga, 16, fhaicinn mu dheireadh.
Chaidh daoine a cheasnachadh le na poilis timcheall air an sgìre sa Ghearraidh Chruaidh air Rathad a' Ghlinne agus mun aon àm a chunnacas mu dheireadh e feuch am faigh iad an còrr fiosrachaidh.
Thuirt an t-Àrd-Inspeactair Sìne NicCoinnich: "Tha sinn an dòchas 's dòcha cuimhne dhaoine a phiobrachadh.
"Tha sinn ag iarraidh air daoine sùil a thoirt air dealbhan dashcam neo ìomhaighean CCTV prìobhaideach eadar Rathad a' Ghlinne agus Cameron Terrace agus eadar Marybank agus a-mach gu Rathad a' Phentland agus fios a chur air na Poilis air 101."
Chaidh a ràdh gu bheil an deugaire 6tr. is 2òir. a dh'àirde agus gu bheil e caol le falt goirid donn.
Nuair a chaidh Aleksandr fhaicinn mu dheireadh bha geansaidh bèis air, dìnichean dubha, agus dh'fhaodadh gu bheil seacaid dhearg aige.
Dh'fhaodadh cuideachd gun robh bonaid bhuidhe aige, thuirt na poilis.
Chaidh stad a chur air dràibhearan air Rathad a' Ghlinne madainn Diluain feuch am biodh cuimhne orra mu bhith a' faicinn Aleksandr
Tha oifigearan sònraichte bho thìr-mòr fhathast air an eilean a' cumail taic riutha, mhìnich an t-Àrd-Inspeactair NicCoinnich.
Tha suas ri 50 duine gach là air a bhith an sàs san iomairt.
"Tha grunn luchd-comhairle a tha eòlach air rannsachadh againn, coin rannsachaidh nam poileas cho math ri luchd-teasairginn nam beann bho HEBSAR agus sgioba Dhùn Dòmhnaill agus Asainte.
"Bidh sgioba dhàibhearan a' tighinn an-diugh agus dh'fhaodadh daoine iad sin fhaicinn ag obair sa Ghearraidh Chruaidh."


Thuirt an commandair sgìreil Sìne NicCoinnich gun robh iad an dòchas gun robh an deugaire air fasgadh a ghabhail san droch aimsir
Thuirt an t-Àrd-Inspeactair nach eil dearbhadh aca mu na rinn Aleksandr an dèidh mar a chaidh fhaicinn mu dheireadh bho chionn seachdain.
"Bha oifigearan sònraichte agus coin rannsachaidh a-muigh air Rathad a' Phentland an-dè a' coimhead sna h-àirighean agus sna dìgean ach cha deach càil a lorg.
"Tha sinn le dragh mòr mu Aleksandr leis cho dona 's a tha an t-sìde air a bhith san t-seachdain mu dheireadh, gu h-àraid ma tha e fhathast air a' bhlàr a-muigh.
"Tha sinn an dòchas gu bheil e air fasgadh a ghabhail an àiteigin agus tha sinn ag iarraidh daoine sùil a thoirt air seadaichean agus toglaichean eile."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh22 An t-Samhain 2024
