Naidheachdan 11:00m

Prògram

Bidh am Prìomh Mhinistear a' foillseachadh plana an riaghaltais aige an-diugh. Dh'innis John Swinney gum bi atharrachadh mòr anns na h-uidhir de na seirbheisean poblach agus poileasaidhean is reachdas 'son a bhith a' cur an cèill na gheall e aig àm an taghaidh. Tha na pàrtaidhean dùbhlanach ag iarraidh air taic a chur ri seirbheisean slàinte agus cosgaisean bith-beò a ghearradh.

Burnham

Thèid Andy Burnham mu choinneimh nan Cumantan an-diugh 'son a' chiad uair mar Phrìomhaire nuair a thilleas a' phàrlamaid bho fhòrladh an t-samhraidh. Bidh esan ag innse mu phlana an riaghaltais aigesan. Coinnichidh Mgr Burnham ris a' chaibineat 'sa mhadainn mus seas e aig Ceistean a' Phrìomhaire tràth feasgar.

Middlesbrough

Tha dùil ri fear, 23, sa chùirt fo chasaid mu mhurt boireannaich agus leanabh ann an teine taighe ann an Grangetown faisg air Middlesbrough an t-seachdain seo chaidh. Chaochail Natalie NicDhòmhnaill, a bha 34, agus nios dhith, Valentina Foster, 7, madainn Diciadain seo chaidh.

Ucràin

Thuirt oifigich 'sa Ucràin gun deach 12 a mharbhadh ann an Kyiv 's sgìrean mun cuairt ann an ionnsaighean rocaid agus dròn Ruiseanach tron oidhche. Thuirt Mosco gun tug iad ionnsaigh mhòr air ionadan airm, làraich gnìomhachais agus bun-structar cumhachd na h-Ucràin.

Aiseagan

Tha àrdachadh £20m ann an cosgais nam bàtaichean-aiseig ùr a thathas a' togail 'san Tuirc do Chaledonian Mac a' Bhriuthainn. Thuirt CMAL, buidheann na stàite, a tha os cionn fastadh bhàtaichean do ChalMac gu bheil dùil ris an Loch Indaal san Dàmhair, corr is bliadhna gu leth air dheireadh air na bha dùil. Tha dùil ri dhà eile, an Lochmor agus an Claymore, an ath-bhliadhna. Dh'innis CMAL san Ògmhios gun tug iad làn phàigheadh ro-làimhe dhan ghàrradh san Tuirc 'son an cuideachadh le trioblaidean ionmhais.

FTMG ann an Dùn Èideann

Tha dragh air pàrantan ann an Dùn Èideann nach eil rùm gu leòr sa bhaile 'son foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Tha comhairle a' bhaile ag ràdh gu bheil iad 'son tuilleadh leasachaidh a dhèanamh agus bidh comataidh an fhoghlaim a' deasbad phlanaichean an-diugh 'son leudachadh aig Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig agus seòmraichean eadar-amail aig Àrd-sgoil Boroughmuir.

Dàrna dachaighean

Tha còrr is 60 nas lugha dàrna dachaigh anns na h-Eileanan Siar bho dhùblaich a' chomhairle a' chìs air sin bho chionn dà bhliadhna. Ged a tha ìsleachadh 7% ann bho fhaisg air 900 gu 834, 's ann sna h-eileanan fhathast tha an cuibhreann as motha de dhàrna dachaighean agus dachaighean falamh an Alba. Ach tha a' chìs air mu £3m a bharrachd a thogail dhan chomhairle.