Fèis ùr 'son Inbhir Pheofharain 800 a chomharrachadh air soirbheachadh

- Air fhoillseachadh
Thàinig faisg air 150 neach-ciùil, dannsair agus sgrìobhaiche còmhla mar phàirt de dh'Fhèis Chiùil agus Leabhraichean Inbhir Pheofharain.
Chaidh an fhèis a chur air dòigh le Fèis Rois mar phàirt dhan chomharrachadh gu bheil 800 bliadhna ann bho chaidh inbhe Borgh Rìoghail a bhuileachadh air Inbhir Pheofharain.
Chaidh 28 tachartas a chumail uile gu lèir - eadar seiseanan ciùil, òraidean bho ùghdarran, bùithean-obrach, clasaichean dannsa ceum agus consairtean.
- Tùs an deilbh, Pòl Caimbeul/FÈIS ROIS

Fo-thiotal an deilbh, Bha dannsa ceum mar phàirt den fhèis
1 de 6
A thuilleadh air an sin, chaidh cuairt dualchais a ghabhail tron bhaile.
Bhathas ag amas air togail air dìleab Fèis Chiùil Tradiseanta na Gàidhealatchd, a bh' air a chumail sa bhaile eadar 1982 agus 2002.
Thàinig an fhèis gu ceann le consairt feasgar na Sàbaid ann an Talla-baile Inbhir Pheofharain.




