Sreath làithean stailce am measg luchd-obrach UHI a' tòiseachadh

Prìomh-oifis Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean Tùs an deilbh, OILTHIGH NA GÀIDHEALTACHD 'S NAN EILEAN
Fo-thiotal an deilbh,

'S e moladh obraichean a ghearradh am prìomh-oifis UHI a th' air cùl iomairt-obrach an aonaidh

  • Air fhoillseachadh

Bidh luchd-obrach Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean (UHI) air stailc Diardaoin, agus trì là stailce eile san amharc aca san t-Samhain.

Tha manaidsearan UHI ag ràdh gum feumar sàbhalaidhean luach £2m a dhèanamh agus an lùib seo gun caill 16 luchd-obrach an cosnadh.

'S iad buill de dh'Aonadh nan Oilthighean 's nan Colaistean am prìomh-oifis UHI a bhios air stailc.

Tha ceann-suidhe meur UHI den aonadh, Conchúr Ó Giollagáin, ag ràdh gur e briseadh-dùil a th' ann dhaibh nach d' fhuaireadh rèite gus an stailc a sheachnadh.

Thuirt e: "Chan eil duine airson a dhol air stailc ach tha e mar uallach oirnn san aonadh obraichean dhaoine a dhìon."

Mhìnich e gun deach iad trò chòig phròiseasan far an do dh'fhalbh luchd-obrach gu saor-thoileach, ach gu bheil iad a-nis ann an "suidheachadh èiginneach".

Tha an t-aonadh ag iarraidh air manaidsearan airgead a chùmhnadh le bhith ag ath-leasachadh structar an oilthigh a tha ro thoinnte nam beachd.

Thuirt Mgr Ó Giollagáin: "Tha sinn den bheachd gum bu chòir crathadh a thoirt air siostaman agus dòighean riaghlaidh an toiseach agus a bhith a' toirt sùil air na tha de luchd-obrach an dèidh sin.

"Chan eil na prìomhachasan aca ceart; tha iad a' faighinn cuidhteas luchd-obrach gun structar ceart a chur an sàs airson an ama ri teachd."

Tha ceannardan an UHI ag ràdh nach eil dòigh eile ann sàbhalaidhean a dhèanamh cho luath agus a dh'fheumar ach le bhith a' gearradh obraichean.

Mhìnich Prionnsabal agus Iar-Sheansalair an Oilthigh, Vicki Nairn: "Tha sinn ann an suidheachadh duilich, cosgaisean ag èirigh agus nas lugha de theachd a-steach agus maoineachadh againn.

"Tha e mar dhleastanas oirnn dèanamh cinnteach gu bheil an oilthigh seasmhach.

"Tha mo cho-fhaireachdainn le mo cho-obraichean air a bheil seo a' toirt buaidh.

"Chan e rud furasta dhuinn ach tha sinn a' gabhail nan ceumannan seo mar thoradh air an t-suidheachadh mhaoineachaidh dhuilich againn," thuirt i.

Tha an t-aonadh am beachd stailcean eile a ghairm air a' 5mh, 17mh agus 18mh den t-Samhain cuideachd.