Stailc air fàire aig UHI

- Air fhoillseachadh
Bhòt buill de dh'Aonadh nan Oilthighean 's nan Colaistean aig UHI airson a dhol air stailc 's iad a' cur an aghaidh ghearraidhean cosnaidh.
Tha beàrn £2m aig stiùirichean an oilthigh ri lìonadh, 's tha iad an dùil 16 duine a chur às an dreuchdan ann an oidhirp airgead a chùmhnadh.
Tha buill an aonaidh mì-thoilichte gun tèid daoine a chur às an dreuchdan an aghaidh an toil.
Chan e sin an fhreagairt do shuidheachadh ionmhais UHI, a rèir ceann-suidhe meur an aonaidh aig an oilthigh, Conchúr Ó Giollagáin.
"Cha ghabh cumail a' dol le beàrn mar sin, 's tha sinn a' gabhail ri sin," thuirt e.
"Ach chan eil sinn a' gabhail ris gur e daoine a phutadh às an dreuchdan an t-slighe air adhart.
"'S e na tha sinne a' moladh, gun cuir an t-oilthigh sgeama dealachaidh saor-thoileach an sàs."
Mhol e cuideachd gun gabhadh sàbhalaidhean a dhèanamh le bhith ag atharrachadh structar "toinnte" UHI.
Thuirt labhraiche às leth UHI gu bheil na molaidhean aca airson cùmhnadh ag amas air dèanamh cinnteach gum bi a' bhuidheann seasmhach a thaobh ionmhais san ùine fhada, 's nach eil an dàrna roghainn ann gu practaigeach.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh10 An t-Sultain 2025
