Taic do cheòl tradiseanta bho Riaghaltas na h-Alba

Fidheall agus bogsa-ciùilTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Thèid Companaidh Taisbeanaidh Nàiseanta a stèidheachadh airson roinn a' chiùil thraidiseanta ann an Alba a bhrosnachadh.

Chaidh sin a ghealltainn ann am manifesto an SNP air thoiseach air Taghadh na h-Alba.

Tha co-chomhairleachadh, taobh a-muigh poblach a-nis air fosgladh agus beachdan gan sireadh air mar a bheireadh buidheann ùr den leithid togail do cheòl thradiseanta na h-Alba air feadh an t-saoghail.

Tha an riaghaltas airson cluinntinn bhon choimhearsnachd fhèin agus bhon luchd-amhairc mu chruth na companaidh ùir agus mu na prìomhachasan a bu chòir a bhith aca airson taic san àm ri teachd.

Cuideachd coinnichidh Rùnaire a' Chultair, Mairi NicAilein, ri ceannardan bhon roinn.

Seo an siathamh companaidh taisbeanaidh a thèid a stèidheachadh an Alba.

Tha Taigh-cluiche Nàiseanta na h-Alba, Opera na h-Alba, Ballet na h-Alba, Orcastra Nàiseanta Rìoghail na h-Alba agus Orcastra Seòmair na h-Alba uile ann mu thràth.

Tent mòr gorm le tòrr dhaoine a th' air cruinneachadh na broinn agus mu thimcheall oirreTùs an deilbh, HEBCELT
Fo-thiotal an deilbh,

Tha HebCelt am measg nam fèisean a bhios a' taisbeanadh ceòl tradiseanta na h-Alba

An t-seachdain-sa, chùm am Prìomh Mhinistear Iain Swinney cuirm do roinn a' chiùil thraidiseanta aig Taigh Bhòid.

A rèir Mhgr Swinney, tha ceòl traidiseanta a' toirt sealladh dhuinn air eachdraidh agus iomadachd sgìreil na dùthcha.

Thuirt e: "Tha e gar ceangal ris na bliadhnaichean a dh'fhalbh agus ris an àm ri teachd 's tha meas mòr air an Alba agus air feadh an t-saoghail.

"Sin as coireach gun do gheall mi gun dèanadh sinn adhartas sa chiad ceud latha den riaghaltas seo, a dh'ionnsaigh Companaidh Taisbeanaidh Nàiseanta a chruthachadh.

"Cuiridh seo ceòl traidiseanta air an aon ùrlar ri ealain-chluiche eile agus cumaidh e taic ri luchd-ciùil stèidhichte agus feadhainn a th' air ùr thòiseachadh."

A rèir suirbhidh a rinn VisitScotland ann an 2024, thuirt 79% de dh'Albannaich gu bheil ceòl traidiseanta gan ceangal ri cultar na dùthcha.

Bha 88% den bheachd gu bheil e cudromach a ghlèidheadh do ghinealaichean san àm ri teachd.