Moladh cead a dhiùltadh do shealg a' ghuga

Fir Nis a' spìonadh ghugannan ann an Sùlasgeir
  • Air fhoillseachadh

Tha oifigearan NàdarAlba a' moladh gun cead a thoirt do mhuinntir Nis a dhol a shealg a' Ghuga am-bliadhna.

Ann am pàipear a thèid air beulaibh bòrd-stiùiridh na buidhne Diluain, taobh a-muigh thathas ag ràdh nach urrainn dearbhadh le cinnt nach toireadh an t-sealg droch bhuaidh air àireamhan nan eun.

Tha dà roghainn eile ron bhòrd - cead a thoirt do mhuinntir Nis a dhol a-mach airson 2,000 eun neo 500 eun.

Tha luchd-strì an aghaidh na seilge ag ràdh gu bheil iad "air an dòigh glan" mu mholadh oifigearan NàdarAlba, agus gun lean an iomairt aca airson an lagh atharrachadh agus casg buileach a chur air an t-sealg.

Thuirt Rob Pownall bhon bhuidhinn Protect the Wild: "Tha mi air leth toilichte gum bi na ceudan de dh'iseanan sùlaire comasach air sgèith agus nach tèid am bualadh mun cheann le innealan meadhan-aoiseil."

Tha Murchadh MacRisnidh a tha a' cur taic ris an t-sealg ag ràdh gur e "briseadh-dùil" a th' anns a' mholadh cead a dhiùltadh.

"Tha mi gu mòr airson faighinn a-mach carson a bha e ceart gu leòr an-uiridh agus a bheil an dòigh sa bheil dàta ga chleachdadh neo ga sgrùdadh air atharrachadh."

Luchd-iomairt an aghaidh sealg a' ghuga a' togail fianais
Fo-thiotal an deilbh,

Thog luchd-iomairt an aghaidh sealg a' ghuga fianais taobh a-muigh prìomh-oifis NàdarAlba aig toiseach na mìos

Tha fir à Nis air a bhith a' dol a-mach a Shùlasgeir san Lùnastal mar as àbhaist fad còrr is 500 bliadhna.

Thug NàdarAlba cead dhaibh an-uiridh suas ri 500 isean sùlaire a mharbhadh an deidh trì bliadhna far nach do thachair an t-sealg air sgàth buaidh flù nan eun.

Tha connspaid mhòr air a bhith ann mun chùis sna mìosan mu dheireadh, le deasbad gu h-àraid sradagach air-loidhne.

Chuir Murchadh MacRisnidh às leth Protect the Wild gun do rinn iad dìmeas air cliù muinntir Nis.

Thuirt e: "Tha seo air tighinn bho bhuidhinn a tha na ceudan de mhìltean air falbh, nach robh a-riamh ann an Sùlasgeir, nach do bhruidhinn a-riamh ri coimhearsnachd Nis agus nach tuig an gnothach."

Rinn Rob Pownall dìon air an "iomairt phroifeasanta" aca agus rinn e sgaradh eadar iad fhèin agus a' bhuidheann-iomairt Abolish the Guga Hunt.

Thuirt e: "Tuigidh sinn gur dòcha gur e cleachdadh a dh'fheumadh a bhith aca nuair a bha iad feumach air biadh.

"Ge-tà, chan eil e a' dèanamh ciall ann an 2026 cead a thoirt gus gnè a th' air a dìon a bhith a mharbhadh gun adhbar."

Chuir Comhairle nan Eilean Siar an taic ri sealg a' ghuga, agus thug BP nan Eilean Siar, Torcuil Crichton, a thaic làidir don t-sealg thraidiseanta.

Nì bord-stiùiridh NàdarAlba an co-dhùnadh deireannach aig coinneimh shònraichte Diluain.

Thuirt am bòrd gur e an dleastanas aca: "co-dhùnaidhean ceadachd a dhèanamh stèidhichte air an fhianais shaidheansail as ùire agus air bun-stèidh laghail iomchaidh".

Tha a' bhuidheann ag ràdh gu bheil iad a' cleachdadh modail ùir airson na h-eòin a chunntadh am-bliadhna.

Thuirt iad nach can iad an còrr gus an tèid co-dhùnadh a dhèanamh.

Tha còrr air 104,000 duine air an ainm a chur ri athchuinge, taobh a-muigh ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba casg a chur air an t-sealg.

Tha comataidh nan athchuingean aig Holyrood a' beachdachdh air am bu chòir deasbad a bhith ann sa phàrlamaid mun iarrtas.